Skip to main content

‹‹‹ prev (388) Page 18Page 18

(390) next ››› Page 20Page 20

(389) Page 19 -
An Gaidheal Og
Mlir l^achaimi
THA caraid coir, caraid dhomh fein agus
caraid dhuibhse, a chlann, a bbios. a’
sgriobhadh chugam bho dm gu am. Chan
’eil mi a’ toirt ainme dhuibh an ceartair; chan
e gu bheil aobhar sam billi air a chumail an
cleith nas mb, ach fkgaidh mi e gun ainm,
an drasd co-dhiubh. Ann an litir.a fhuair mi
bhuaithe bho chionn latha no dhk, thug e
dhomh a thig.hinn is a shloinntearachd, agus
ciod a tha agaibh air ach gu bheil sinn
cairdeach. Tha an durdeas fada a mach gun
teagamh le a ghabhail a reir beachd fuar an
la-diugh, ach am beachd blath nan seann
Ghbidheal, na h-Eileanaich gu sbnraichte,
chan ’eil e fada a maoh idir. Bha na Gdidheil
gle chuimhneachail air ciirdeas fola. Bha
sean-fhacal aca air cuideachd, oir ruigeadh
cdirdeas fola an deicheamih glim ; agus rachadh
dahachas eadhon na b’fhaide! Chan ’eil ar
cairdeas-ne cho fada a mach ris an deicheamh
glim, ged nach ’eil e fada bhuaithe. B’e mo
sheanair-sa is athair-san na ciar-oghachan.
Co agaibh, a nis, a dh’innseas dhomh ciod an
dliiths ciirdeis a tha ann a bhith anns na
ciar-oghachan? Theagamh gu bheil cuid
agaibh aig a bheil fios air, ach tha mi cinnteach
nach ’eil fios agaibh uile air, agus is fedrr
dhomh innseadh dhuibh. Seo agaibh mar a
bha na Giidheil ag ciinntas a’ chdirdeis. Bha
clann an da bhrathar, an da pheathar, no na
peafhar ’s a’ bhrbthar, anns na h-oghachan.
Bha an ath ghinealach anns na h-iar-oghachan ;
an ath aon anns na fionn-oghachan; an ath
aon anns na dubh-oghachan; agus an ath aon
anns na ciar-oghachan. Bha aon eile ann, ach
chan ’eil cuimhne agam air an ceartair, ged a
tha mi an diiil gu bheil e agam sgriobhte an
Ait-eigin. Mar sin, is e “ fifth cousins,” a
rbir luchd na Beurla, a bhiodh anns na ciar-
oghachan.
Is ann a thaobh nan Leathanach is dream
mo mhkthar a thuit an c&irdeas seo, agus
b’ann ri linn iad a dhol air chuairt do’n
Eilean Sgitheanaoh, is fuireach ann rb dhi
no tri ghinealaich a thbinig e mun cuairt, ged
nach Sgitheanach mo charaid, ach tha fuil
Sgitheanach ann, mar a tha annam f6in.
Nach faodainn, a nis, aon hheul-aithris air
mar a chaidh na daoine seo air chuairt do’n
Eilean Sgitheanach innseadh dhuibh, agus an
t-aobhar a chuir gun do ghabh iad an imrich
a Colla gu fada mu thuath. Dh’fhaodainn
innseadh gu bheil iomradh eadar-dhealaichte
air sin an eachdraidh sgriobh'te, agus iomradh
a tha nas eoltaiche ris an fhirinn, ach chan ’eil
sinn a’ dol a mhilleadh ionntas na beul-aithris.
BHA am baile-fearainn ris an abrar
Crosbull aig an t-seann seanair seo bho’n
tamig sinne le cheile, oir bha e an dliith
dhaimh ri Mac Iain Abraich, triath an eile.n.
Tha Crosbull ag criochnachadh ri Breac-
achadh, baile Mhic Iain Abraich e f&n is air an
robh an caisteal ’na sheasamh, ach le traigh
mh6r, corr is mile am fad, eatorra, an Traigh
a Deas, mar is trice a theirear rithe. Ri teas
samhraidh bhiodh crodh an dk bhaile a’
tearnadh chon na trkghh, agus latha de na
Ikithean ciod ach gun do §hir tarbh gach treud
a mach am fear eile, agus an uair a choinnich
iad am meadhon na tragha bha an tabaid air
a bonn !
Is e spbrs ghasda do na buachaillean a bha
an seo, oir bha balach buachaille air cheann
gach treud; ach an uair a ghabh tarbh
Chrosbuill air tarbh Bhreacachaidh, agus a
ruaig e air ais e gu dhiinan fh&n, bha e ’na
dhimeas a bha a’ tagart aicheamhail am beachd
buachaille Mhic Iain Abraich, agus is ann mar
a bhk gun defich an dk bhuachaille an sin an
caraibh a ch6ile. Agus nach ann a ghahh
buachaille ar seann seanar-ne mar an ceudna
air buachaille Mhic Iain Abraich! Agus an
uair a thkinig km an eadraidh ’s a chaidh <m
crodh do’n bhuailidh, bha fothail gu le6r air
buachaille Chrosbuill ag innseadh do’n
bhanaraich mar a ghabh an tarbh acasan air
tarbh Bhreacachaidh, agus mar a ghabh e
fkin air a’ bhuachaille an uair a dh’fhiach e
ris an aicheamhal a thoirt a mach.
Cha bu lugha fothail na banaraich ag
innseadh do bhean-an-taighe mar a thachair,
no fothail bean-an-taighe ag innseadh do fhear
a’ bhaile! Ach cha robh fear a’ bhaile idir
toilichte. Is coltach aig a’ cheart km sin
nach robh chisean cho ckirdeil ’s a dh’fhaodadh
iad a bhi eadar Mac Iain Abraich is Fear
Chrosbuill, agus anns na h-amannan a hha
ann cha b’ann gun aobhar a ghabh Fear
a’ Bhaile ml-thapadh an uair a chuala e an
sgeul. ‘‘Cha gheal do sgeul,” arsa esan,
“ agus ma dh’innseas buachaille Bhreac¬
achaidh do Mhac Iain Abraich mar a thachair,
tha mise an duil gur e ‘ bogadh nan gad ’ a
bu tkarainnte dhuinn na an t-atharrachadh.”
Agus is e sin a rinneadh.
DHTNN1S am buachaille do Mhac Iain
Abraich gun teagamh mar a thachair
is an dlmeas a chuireadh orra latha na
dunaich ud air an Trkigh a Deas ! Agus cha
bu sgeul seo ach sgeul a bha a’ Ikn-thagar an
(An corr air an ath~dhuilleig)
19