Skip to main content

‹‹‹ prev (386) Page 70Page 70

(388) next ››› Page 18Page 18

(387) Aireamh 5, Supplement - Gaidheal Og
A\ 4iiAIIMIH.iL 04.
MIOSAGHAN GOMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar II AN CEITEIN, 1950 Aireamh 5
SgtMilacliflan A
Mharbh E Ceatharnach !
BHO chionn aireamh de bhliadhnaichean air
ais bha duine araidh ag cdmhnuidh arm
an Cnoc-an-lin ris an abradh iad “ Beisdein
Mac Dhomhnaill.”
Aon oidhche bha e fein agus a theaghlach
’nan suidhe timcheall air an teine ag innseadh
sgeul. An uair a bha iad deas ag innseadh an
sgeul chuala iad gnogadh aig an dorus agus
air dhaibh an dorus fhosgladh thainig duine
air an robh iad g!6 eblach a staigh.
Bha na lamhan agus an t-aodann aige lan
fala, agus bha e ’ga dhuhh-dhalladh. Sheas
e anns an dorus agus dh’eigh e : “ Mharbh
mi an ceatharnach as motha ann an Uibhist!”
“ An do mharbh?” arsa Beisdein.
‘‘ Mharbh,” ars esan, ” agus ttha e ’na
shineadh air Clachan Aird Heisgeir. Trobhad
comhla riumsa agus chi thu e.”
Chuir Beisdein air a bhrbgan agus dh’fhalbh
e cuide ris.
An uair a r&inig iad Clachan Aird Heisgeir
dh’fhaig.hneachd Beisdein dha, ‘‘ Chite a bheil
an ceatharnach a mharbh thu?”
” Nach ’eil t.hu ’ga fhaicinn ann an sin!”
ars esan.
Choimhead Beisdein agus chunnaic e clach-
mhile ri taobh an rathaid agus bha a’ chlach
lan fala.
‘‘ Nach ’eil thu a’ faicinn a’ cheatharnaich ?”
ars esan ri Beisdein.
‘‘ T.ha,” arsa Beisdein, ‘‘ agus is e sin an
ceatharnach as motha a tha air an t-saoghal !”
Dh’fhalbh an duine gu toiliobte dhachaidh an
uair sin, an dhil gun do mharbh e an ceathar¬
nach a bu mhotha ann an Uibhist.
Is e sin aon sgeul thaitneach a chuala mi
ann an Uibhist.—J. M. D. (Sgoil Phaibil).
Moch Eirigh lain Bhig
BHA siud ann o chionn beagan hhliadh-
naichean air ais duine a bha fuireach ann
an Uibhist ris an canadh iad “ Iain Beag.”
Bha e a’ frithealadh obair a bha a’ dol air
n-ad.hart ann an Loch-nam-madadh a bha mu
astar deich mile bho a dhachaidh. Dh’fheumadh
e a bhith muigh aig seachd uairean sa’
mhadainn. Cha robh carbadan ’gan cleachdadh
an uair sin ach a’ chas, agus is ann mar sin
a chaidh Iain do Loch-nam-madadh an latha ud.
Dh’fhag e an taigh mu dha no tri uairean
sa’ mhadainn Di-luain, direach an uair a leig
e an t-Sabaid seachad. Bha e leis fhein, ach
cha robh e ach air falbh beagan astair bho’n
taigh an uair a chunnaic e duine m6r ciatach
a’ tighinn ’na aghaidh air an taobh eile de’n
rathad. Rud a bu ne6naic.he dheth, cha robh
e ’ga chluinntinn ag coiseachd idir. Bha airde
agus leud uamhasach anns an duine agus bha
a ghuailleanan na b’airde na a cheann.
Bhruidhinn e ris ach cha d’fhuair e freagairt
idir, agus mur do ghabh Iain eagal nuair a
choimhid e as a dheidh agus an duine m6r ag
coimhead air-san !
Bha e cbmhdaichte ann an aodach dubh gu
h-iomlan, agus bha sin f.hein ag cur eagail air.
Uine mhor an deidh do Iain a dhol seachad
air thbisich e air smaoineachadh air an duine
ard ud, agus bha ’fhallus a’ tighinn a mach.
Ann an prioba na sula nochd an duine mdr
a rithist, ach is ann ag coiseachd ri taobh Iain
a bha e an turus seo.
Air ball chuir mo shiad na buinn rithe agus
cha do stad e gus an do r&inig e an taigh.
Agus, a chMrdean, ma dh’fhalbh e aig a dh?t
no tri uairean air a’ mhadainn Di-luain ud, cha
do dh’fhalbh e riamh tuilleadh.
K. M. M. D. (Sgoil Phaibil).
Robairean
AIR oidhche fhuar gheamhraidh agus mi
f\ ’na mo chriiban ri taobh an teine, chuala
mi Gilleasbuig Ruadh am bodach ag innseadh
na sgeulachd seo a leanas.
Bha gille og a’ tighinn A Loch-nam-madadh
aon fheasgar agus an ciaradh ann. Bha each
agus gige aige agus bha e ag gabhail a
ghnothaich air a shocair. Nuair a bha e a
staigh a’ Mhbinteach Mhdr ciod a leum a mach
o thaobh an rathaid ach dithis dhaoine. Dh’iarr
gach fear aca airgead air, ach fhreagair esan,
” Chan ’eil airgead agam.”
Bha iad ag cumail an eich air ais agus bha
an dorchadas a’ tighinn, agus cha robh fios aig
a’ ghille gu d£ a dheanadh e, gun taigh na
b’fhaisge d,ha na dh:\ no tri mhiltean. Cha
17