Skip to main content

‹‹‹ prev (318) Page 6Page 6

(320) next ››› Page 8Page 8

(319) Page 7 -
An Gaidheal Og
Lit ir Lacliaimi
BHA mi a’ toirt dhuibh eachdraidh air Iain
Ciar, ceann-fine mo chinnidh fein aig am
eirigh nan Gaidheal as leth Sheumais
Stiubhart, athair a’ Phrionnsa Tearlach, anns
a’ bhliadhna 1715, is bha ceud roinn mo
sheanachais an litir a’ mhios a dh’fhalbh.
Tha mi an dixil gun d’ fhag mi e le a shuil ri
faotainn thar na linne do Eirinn, far an robh
deagh chairdean aige. A reir mar a bha an
eachdraidh aig m’athair b’e brathair mathar
dha a bha ann an larla Chill-eanndruim, is
tha cuimhne agaibh mar a chuir an rann a thog
mi a aon de brain a’ Bhaird Ruaidh, ’s a bha
os cionn mo sheanachais air a’ mhios a dh’¬
fhalbh, a’ chilis,—^“Thog e cis o lari’ Chill-
eanndrainn.” Chan ’eil sin a’ leigeil ris'air
dhbigh sam bith gur e brathair a mhathar
fein a bha anns an larla, agus, ged a b’e sin a’
bheul-aithris, is cinnteach nach b’e, ged
nach ’eil teagamh sam bith nach bu dhluth
fhear-daimh dha a bha ann. Is e nighean do
Iain MacLachainn Chille-Bhride a bha pbsda
aig Ailean MacDhughaill Dhun-olla, agus mar
sin a bu mhathair do’n diulnach, Iain Ciar;
ach chan ’eil e a’ dol a mhilleadh sgebil nach
’eil lan dhearbhadh againn air an fhior
chciirdeas a bha eatorra.
Co-dhiubh, chuir Iain Ciar roimhe gun
ruigeadh e fearann na h-Eireann agus fearann
na h-Eireann rainig e, ged nach ’eil an eachd¬
raidh a fhuair mise a’ toirt soillearachaidh
sam bith air ciamar a fhuair e thar Sruth garbh
na Maoile; ach fhuair e a chas air fonn na
h-Ulladh, agus gun a’ bheag de dhail rinn e
air caisteal an larla. Rinn e farbhais mu’n
rathad mar a bha e a’ dol air aghaidh oir, a
reir coltais, cha do sheas a chas air fonn na
h-Eireann, co-dhiubh a’ chuid sin dheth,
riamh gu sin. An uair a bha nebil an fheasgair
ag cruinneachadh thainig e gu iomall coille,
agus air dha an tuille farbhais a dheanamh
mu’n t-slighe bho mhnaoi a bha a chbmhnuidh
an tigh beag faisg air iomall na coille, dh’innis
ise dha gu robh caisteal an larla direach air an
taobh eile de’n choille; *ach chomhairlich i
dha an rathad fada mun cuairt a ghabhail, oir
gu robh a chbmhnuidh abhaisteach aig feur-
reubainn cunnartach, a bha ’na chuis-gheilt is
’na eire-thruim air an tir uile, am meadhoin
na coille. Cha b’aon eile am fear-reubainn seo
ach an Robair Ruadh, agus dh’innis am
boireannach do Iain Ciar gu robh cbig ceud
punnd Sasunnach de airgead-cinn mar dhuais
aig an larla air a thairgsinn do aon sam bith a
bheireadh chuige ceann an Robair Ruaidh.
‘ ‘ Ach, ’ ’ arsa ise, “ tha an duine cunnartach
seo cho deas is cho dana agus cho ealamh air
ciil a chlaidheimh ’s nach ’eil duine anns an
diithaich seo aig a bheil de mhisnich no de
eblas-airm aghaidh a chur air no feuchainn
ris.” Mar sin, dh’earailich i air Iain Ciar a
rithist gun e a ghabhail an aithghearr troimh
an choille, oir gum faodadh e a bhith cinnt¬
each gur e a spuinneadh, is theagamh a mharbh-
adh, a bhiodh a’ feitheamh air.
Ach an uair a chuala Iain Ciar mu’n Robair
Ruadh is an duais mhor a bha mar gheall air
a cheann a thoirt a dh’ionnsaigh an larla,
rinn e suas inntinn an sin fein gur i slighe
chunnartach na coille a ghabhadh e, thigeadh
i thall mar a thigeadh: cha b’esan am fear a
ghabhadh “ceum an t-slinnein” idir, idir!
Agus chan e mhain nach seachnadh e an Robair
Ruadh, ach gun sireadh e a mach e gu cbmhrag
a dheanamh ris.
THA mi an diiil gun d’innis mi dhuibh
cheana gum bu cheatharnach claidheimh
Iain Ciar cho deas is cho ainmeil ’s a bha
beb ’na linn; mur d’innis tha mi ’ga innseadh
dhuibh a nis! A dh’aindeoin gach deagh
earail a thug am boireannach coir a dh’innis a
chunnart dha air, is ann ri rathad cunnartach
na coille ris an do chuimsich Iain Ciar a cheum.
Bha a’ ghrian air dol fodha agus gealach
lan ag cur roimhpe anns an ear an uair a
dh’inntrich e a steach do’n choille, is e ag
cumail ri ceum frith-rathaid a bha a’ ruith
troimhpe cho math ’s a dh’fhaodadh e. Faodar
a thuigsinn mar a bha e a’ tarraing a steach do’n
choille gu robh a shuil is a chluas daonnan ’nam
faireachadh, is gun fios cuin no caite am
buaileadh cunnart air, agus gle obann.
Bha a’ ghealach a nis air eirigh gu math os
cionn nan craobh, agus ciod ach gun tainig
an t-slighe air an robh Iain Ciar ag imeachd
air bad reidh is fosgladh fuinn far an deach,
a reir coltais, cuid de’n choille a ghearradh,
agus an sin fein chuala e bruidhinn a’ tighinn
air bho’n fhosgladh seo. Dh’ealaidh e air
aghaidh le suil fhurachair bho thaobh gu
taobh agus a chluas ri claisteachd, agus cha
b’fhada gus am faca e co bha ris a’ bhruidhinn.
Bha diulnach an siud le ceann ruisgte, ruadh
air, a liiireach crochte aige ri geig agus a chlaidh-
eamh gliostrach aige ’na dhbrn f’a comhair.
Bha e a’ feansaireachd ris an luirich, mar gum
biodh cbmhragaiche eile m’a choinneamh, is
e ag cumail cbmhraidh rithe mar a bha e ag
cluich r’a h-aghaidh; agus b’iad na briathran
air an do rug cluas Iain Chiar,—“Fhuair mi
rud-eigin bhuait an raoir, ach cha d’fhuair mi
dad idir bhuait an nochd!”
(An cdrr air an ath dhuilleig)
— 7 —