Skip to main content

‹‹‹ prev (317) Aireamh 2, SupplementAireamh 2, SupplementGaidheal Og

(319) next ››› Page 7Page 7

(318) Page 6 -
An Gaidheal Og
Liiinnoag'au na Cloinne
Le AONGHAS CAIMBEUL
SEANN CHAILLEACH EILIDH
(Old Mother Hubbard)
Seann chailleach Eilidh
A’ rurach sa’ phreasa
Ach am faigheadh i cnaimh do’n chu;
’S ged rannsaich i mach e,
Bha am preas aice falamh,
’S an cuilean ’s an t-acras ’na shuil.
Nuair thill i ’na cabhaig
Le aran gu leor,
Bha ’n cuilean beag carach
Gun anail gun deo.
Chaidh i dh’iarraidh cist-amhlaig
’Na deann air an t-saor;
’S nuair thill i ’na fallus,
Siud gu lachainn an cu.
Nuair thill i o’n bhuidsear,
’S i ceannach dha feoil,
Bha an cu is car ’na cheann
’S e ri dannsa air a’ bhord.
CRUINNEAN BEAG REAMHAR
(Humpty Dumpty)
Cruinnean beag reamhar
’Na shuidh’ air a’ bhalla;
Thuit e ’na sgailleagan
’S chaidh e ’na chlaraibh.
Chaidh eich agus marcaich
An righ ann an cabhaig;
Ach dh’fhaillich orr’
Cruinnean beag reamhar a charadh.
CATRIONA BHEAG NAN CAORACH
(Little Bo-Peep)
Catriona ’s i caoirieadh,
’S na caoraich air chall,
Gun fhios co ’n taobh theid i ’n toir orr ’.
Leig thusa leo fhein;
Thig iad dhachaidh gu reidh
Le ’n earbaill ’nan deidh an ordugh.
MA1RI, MAIRI, NIGHEAN CHARACH
(Mary, Mary, Quite Contrairy)
Mairi, Mairi, nighean charach,
Ciamar dh’fhas do lios am bliadhna?
Glagan airgid is sligean-creachainn,
’S clann-nighean bheag ’nan sreathan breagha.
Mr. AONGHAS CAIMBEUL
Nach Maireann
Tha sinn gle dhuilich a chluinntinn gun do
chaochail Mgr. Aonghas Caimbeul, an Nis,
Leodhas, o chionn ghoirid. B’esan ughdar
“Luinneagan na Cloinne Bige” a tha sinn an
ceartair a’ toirt am follais anns a’ Ghaidheal.
Tha ar co-fhaireachdainn aig a bhantraich
agus a theaghlach ’nan call ’s ’nam bron.
Bu mhaith leinn taing a thoirt do Mhgr.
Domhnall MacArtair, maighstir-sgoile an Nis,
agus do’n Urramach Iain MacAoidh, Glaschu,
air son gun d’fhuair iad dhuinn na Luinneagan
seo. Tha feadhainn eile dhiubh fhathast againn
ri’n toirt am follais.—F.-D.
Murchadh Mac a’ Ghobhann (Bhot.d.5)
Loch Euraboll, agus Gramasdal an Uibhist a
thoisich e ri bardachd. Fhuair e fiosrachadh
farsaing air suidheachadh nan eileanan, agus
cha robh cuil no diomhaireachd a bha an cridhe
is an aigne a luchd-duthcha air nach do ghabh a
inntinn thabhachdach greim, agus tha sin uile
soilleir ’na bhardachd.
Bha e ’na mhinistear anns an Eaglais Shaoir
Aonaichte am Bearntraigh na Hearadh agus
anns an Ath-leathann, agus bha meas agus
miadh a bha mor air anns na sgirean sin. Bha
e iongantach taitneach an ceann na seirbhis
Ghaidhlig, agus bha brigh agus susbainn anns
gach searmon a chuala mi fhein uaithe.
Bhris air a shlainte an uair a bha e gle 6g,
ach, a dh’aindeoin gach camaidh a bha sin,
chum e air adhart gu dicheallach an seirbhis na
h-eaglaise gus am b’fheudar dha mu dheireadh
a dhreuchd a leigeadh seachad.
Rinn e moran bran ’na latha, agus tha
cuid aca am “Bardachd Leddhais.” Tha fior
bhuadhan a’ bhaird aithnichte anns gach aon
diubh. Bha a ghradh-duthcha daingean gun
cheilg, agus coltach ris gach Leodhasach eile b’e
“Eilean an Fhraoich” dhasan an t-eilean as
aillt’ air na dhealraich a’ ghrian. Bha eolas
farsaing aige air eachdraidh a dhuthcha, agus is
trie e a’ deanamh luaidh air na h-eu-ceartan a
rinneadh oirnn an uair a chuireadh ar glinn fas
gu raoin a dheanamh do’n fhiadh agus an ruadh-
chearc.
Cha dhi-chuimhnich sinn Murchadh.
SEOC IS SINE
(Jack and Jill)
Chaidh Seoc is Sine suas an cnoc
A' dh’iarraidh cuinneag uisge;
Thuit Seoc le creag is sgoilt e cheann,
’S chuir Sine car-a’-mhuiltein.