Skip to main content

‹‹‹ prev (319) Page 7Page 7

(321) next ››› Page 25Page 25

(320) Page 8 -
An Gaidheal Og
Domluiall ’s An Tsinna«$»'
Le MURCHADH MAC-AN-TUAIRNEIR
Adh’aindeoin gach facail a their na daoine
foghluimte agus am fanoid air buidseachas,
droch-shixil agus fuathan, tha greim mor
aig na nithean seo air inntinn sluagh na Gaidh-
ealtachd. Tha iad saobh-chrabhach, ach tha
iad cuideachd nas diadhaidhe na iomadh gineal
nach ’eil.
Suas ri ciad bliadhna air ais bha a’ fuireach
ann am Mealbhag, baile beag a deas air Tair-
beart na Hearadh, duine laidir calma ris an
abradh iad Domhnall Mac Ailein. Bha taigh-
dubh aige ri taobh na mara, ach chan ’eil
eachdraidh ag innse an robh e fuireach ’na
aonar no nach robh.
Bha e mar chleachdadh aca amis an am ud a
bhith ag iasgach bhreac anns na h-aibhnichean
air an doigh seo a leanas. Chuireadh iad lion
air ceann shios na h-aibhne, agus thoisicheadh
iad air slachdraich an uisge le maide. Chuir¬
eadh seo teicheadh air an iasg sios leis an
abhainn do’n lion.
Air oidhche Di-sathuirne rinn Domhnall
Mac Ailein agus companach suas an inntinn
gum falbhadh iad an uair a bhiodh an t-Sabaid
seachad, air madainn Di-luain, agus gun
iasgaicheadh iad an Abhainn Tharsainn mu
thri mile bho’n dachaidh. Air oidhche na
S&baid cha b’fhiach le Domhnall a dhol a
chadal idir an uair a bha duil aige eirigh aig
uair cho trath. Cha robh uaireadair aige, ach
bha e a’ feitheamh ri gairm a’ choilich air son
innse dha gu robh an t-Sabaid seachad.
Fad is a bha e a’ feitheamh gu foidhidinneach
thainig an cadal air agus shin e e fhein air a’
bheinge. Thuit e ’na chadal ach an ceann
greis dhuisg. e Bha e anabarrach soilleir leis,
agus smaoinich e gum b’e an latha a bha ann.
Thog e leis an lion agus dh’fhalbh e anns a’
bheachd gu robh a chompanach a muigh roimhe.
Rinn Domhnall mearachd. Gu de an t-soilleir-
eachd a mheall e ach solus na gealaich! B’e
deireadh gealaich a bh’ann, agus bha an
oidhche mugach.
Rainig Domhnall an Abhainn Tharsainn gu
doigheil agus chuir e an lion. Bha ionghnadh
air nach tainig a chompanach, ach thoisich e
air slachdraich na h-aibhne. An uair a thainig
e chun an lin tharraing e gu bruaich na h-aibhne
e, agus dhoirt e an t-iasg air lianaidh.
Mhothaich e gu robh duine ’na sheasamh aig
ceann shios na h-aibhne agus cas air gach taobh
dhith. Shaoil e gur e a chompanach a bha air
tighinn agus chaidh e sios a bhruidhinn ris.
Cha do fhreagair an ni a bh’ann Domhnall idir,
agus thuig Dbmhnall nach e duine nadurra
a bha ’na chomhair. Chunna'id e gu robh
pliutan air an aite lamhan. Theich Domhnall
ach thainig an rud mi-nadurra as a dheidh ’ga
leigeil aig a h-uile buille a bheireadh e dha
leis na pliutan ud. Bha cu aig Domhnall agus
leig e san fhuath e ach cha deidheadh e idir an
sas ann. Bha Domhnall a’ fas sgith ach cha
robh e air a mhisneachd a chall gu buileach.
Ann an eu-dochas leum Domhnall air an
tannasg agus shath e a sgian ann. Cha robh e a’
toirt feachd sam bith air an fhuath a bha ann
ach mar gum bitheadh e a’ sathadh sgian ann
am poca catha. Gu fortanach do Dhomhnall
ghairm an coileach agus dh’fhalbh an rud mi-
nadurra ’na lasair de theine uaine.
Rinn Domhnall aisde agus bha e gu bhith a
staigh an uair a bhuail an cu e san druim eadar
an da shlinnean. Bha am fuath air an cu a
leigeil ann an Domhnall agus fhuair e a
sharachadh leis a’ chu fad a’ chorr de’n rathad
dhachaidh.
Cha chuala mise gu de a thachair do
Dhomhnall no gu de a rinn e an deidh dha dhol
dhachaidh, ach is cinnteach gu robh e gu math
faiceallach nach do rinn e mearachd de’n
t-seorsa ud tuilleadh.
(Pliutan—anns a’ Bheurla, flippers).
Litir Eachainn (Bho t.d. 3)
Aig a’ cheart am thug Iain Ciar fainear gu
robh steud-each loinneil, le dhiollaid ’s le
shrein air, ceangailte ri craoibh an iomall an
fhosglaidh seo, ach duine no creutair eile cha
robh ri fhaicinn. Ma bha sgiobadh-reubainn
eile leis an Robair Ruadh, oir is e an Robair
Ruadh da-rireadh a bha ann, cha robh iad leis
aig a’ cheart am ud co-dhiubh.
Dh’fhuirich Iain Ciar far an robh e is e a’
toirt meamaire do’n iomairt a bha aig an fhear
ruadh air beulaibh na luirich. Mu dheireadh
thainig e a dh’ionnsaigh a’ cho-dhunaidh nach
robh cleas no clic aige ’ga chleachdadh nach
robh aige fein, agus, theagamh, cleas no dha
tuille air chul a laimhe nan tigeadh an eiginn.
Thug e an sin ceum air aghaidh, agus chuir e
chas air geig chrionaidh, a chum an uair a
bhriseadh i fo chois gun cluinneadh an Robair
Ruadh an fhuaim, ni a chuala e gun teagamh,
agus, gun tiota de dhail, bha an luireach aige a
bhan bharr na craoibhe; chuir e uime i, is
sheol e a cheum an taobh bho’n tainig an
fhuaim.
Chi sinn air an ath mhios ciamar a chaidh
do’n da fhuirbirneach seo, a bha a nis air
tighinn am fagiis d’a cheile. Bhur Caraid
Dileas,
Eachann MacDhughaill .