Skip to main content

‹‹‹ prev (178) Page 30Page 30

(180) next ››› Page 32Page 32

(179) Page 31 -
An Gaidheal Og
IJlir l^a<‘li;iiiin
AN am dhomh a bhith ag cur litir a’ mhios
seo an eagaibh a cheile, tha mi fhathast
gun sgeul agam dhuibhse nach robh anns a’
Champ air ciamar a chaidh no a tha a’ dol
dhaibh an sin, nas fhaide na (1) gu bheil sid gu
an ailgheas aca, agus (2) gu robh oidhche
shunndach aca air an Radio. Bha mi ag
eisdeachd riu an oidhche ud, mar a bha, tha mi
cinnteach, sibhse, oigridh, uile, is gu leor nach
urrainn a thagar gur “oigridh’ ’ iad nas fhaide—
is e sin mur a h-6igridh sinn uile anns an
t-saoghal a tha againn an seo, co-dhiubh,
samhradh riinach mar a tha againn am bliadhna.
An Campa
Tha sinn uile ro thoilichte gu robh an
t-sid cho breagha am bliadhna. Thubhairt mi
an te de na litrichean seo thall mu thoiseach
an t-samhraidh gu robh mi an dochas gum
biodh an t-sid cho tioram ’s gum biodh na brie
anns an allt an impis a bhith a’ dol a dhith
leis a’ phathadh! Is coltach nach robh an
dochas fada bho’n choimhlionadh, is gu robh
na brie gun teagamh ag gear an air an tiormachd.
Is ann mar a bha gu robh tuille na na brie ag
gearan air an tiormachd: is coltach gu robh
cuid de na h-Eileanan gle dhona a chion uisge,
agus nach ann a bha mi a’ leughadh anhs a’
phaipear-naidheachd an diugh fein gun do
theirig uisge oil orra an I Chalum Chille is gum
b’ fheudar do na h-Idhich a bhith a’ dol thar a’
chaoil do’n Ros Mhuileach a dh’fhaotainn an
uillearachd de uisge!
Mar a thubhairt mi, bha mi ag eisdeachd ris a’
chloinn an oidhche a bha iad air an Radio, agus,
gu dearbh, bu shunndach iad, is bu mhath a
ghabh iad na seann brain a thug iad dhuinn,
“Gradh Geal mo Chri’ ” is gach aon eile a
liubhair iad. Tha sinn an dbchas gum bi
iomradh nas meana na tha ’nam chomas-sa a
thoirt dhuibh an drasd aig Dbmhnall dhuinn an
deidh do’n Champ dol m’a sgaoil.
An ath ni a tha a’ tighinn fainear dhomh an
drasd, is e na paipearan ceasnachaidh air
cheann na bliadhna seo. Tha mi direach an
deidh am buagan abhaisteach fhaotainn; ach
cha d’fhuair mi cothrom gu a bheag de shuil a
thoirt orra fathast, eadhon an cimntas, ach is e
mo bheachd gu bheil tuille air a churasteach
am bliadhna na chuireadh a steach an uraidh.
Co-dhiubh, fagaidh sinn iad an drasd gus an
ath litir.
“Ceist nam Brog”
Tha mi a nis a’ dol a dh’innseadh dhuibh mu
cheist chudtromach a thainig fo ar comhair
an uair a bha mise anns an sgoil, is ceist mun do
rinneadh cnuasachadh gu lebr, an da chuid
leinne a bha anns an sgoil, is mar an ceudna
leis na h-inbhich. Chan ’eil fios agam ciamar
a thainig i gu mo chuimhne an la-roimhe, ach
chan ’eil sin gu mutha; is i a’ cheist i fein an
gnothach, ceist mhor, ceist a bha iomraideach is
ceist a roinn an ceann againne de’n eilean ’na
dha leith is a’ mhuinntir ’nan da bhuidheann!
Cha robh dealachadh nan Eaglaisean an ’43,
no eas-aonachd nan Tories is nan Liberals
riamh na bu bhuarasaiche na bha eas-aonachd
“Ceist nam Brbg, ’ ’ an tiodal fo a bheil cuimhne
oirre gus an la an diugh.
B’ e am maighstir-sgoil a thug dhuinn i an
toiseach; agus bha tuille na aon fhuasgladh air
a thoirt oirre bho am gu am, gus ri uine an do
shumhlaidh beachdan sios gu da fhreagairt is
da fhreagairt a mhain; agus an sin, “bho
leanabh na ciche gu cailleach a’ bhata’ ’ anns a’
cheann againne de’n eilean, sinn an impis leum
an amhaichean a cheile a thaobh fuasgladh na
ceiste! Seo agaibh a’ cheist.
Chaidh fear a steach do bhuth greusaiche is
paidhir bhrbg bhuaithe. B’ e pris nam brbg a
thagh e se tasdain deug, agus an uair a
dhuineadh am bargan, shin e not punnd Sasan-
nach do’n ghreusaiche gu am paidheadh. Ach
cha robh muthadh aig a’ ghreusaiche, is
b’fheudar dha dol a mach do bhuth a’
ghrosair an ath dhorus gu muthadh do’n not
fhaotainn. Fhuair e sin, is thug e na brbgan is
na ceithir tasdain muthaidh dhasan a cheann-
aich iad, is ghabh esan a rathad air falbh leis
a’ phaidhir bhrbg aige ’na achlais is na ceithir
tasdain ’na phbea. Ach am beagan mhionaid-
ean thainig an grosar a steach leis an not is e
ag radh gu robh i feallsa, an ni a bha i, is e a ’
tagar a chuid airgid fein air ais. Cha robh an
uair sin aig a’ ghreusaiche bhoChd ach iasad
cheithir tasdain fhaotainn bho’n bhancair, is
maille ris na se tasdain deug a dh’fhagadh aige,
siud a shineadh seachad do’n ghrosar!
De Na Chaill E?
B’ e an gnothach, a nis, de na chaill an
greusaiche air an droch mhalairt seo a rinneadh
ris leis an t-slaoightir a thainig ’na rathad?
Bha cuid a bha ag cumail a mach gur e fichead
tasdan a chaill e, cuid gur e ceithir tasdain
fhichead a chaill e, is cuid eadhon gun do chaill
e da not! Ri uine thainig an argumaid gu
bhith eadar (1) not, agus (2) ceithir tasdain
fhichead. Bha am maighstir-sgoil is cuid de’n
chloinn aig an robh aon bheachd; chan ’eil mi
a’ dol a dh’innseadh dhuibh ciod am beachd a
[An ebrr air an ath dhuilleig)