Skip to main content

‹‹‹ prev (177) Aireamh 8, SupplementAireamh 8, SupplementGaidheal Og

(179) next ››› Page 31Page 31

(178) Page 30 -
An Gaidheal Og
Rainig sinn Tairbeart na Hearadh aig
meadhon latha, is thainig an sin caileagan is
gillean na Hearadh air bord. Is ann an sin a
bha an othail; rinn sinn di-chuimhne car
greiseige air anshocair na maidne is leis cho
cridheil’s a dh’fhailtich sinn a cheile shaoileadh
neach nach robh sinn air a cheile fhaicinn bho
linn nan creach.
Bha an ath chnap bathair is trealaich ri dhol
air tir an seo, agus eadar a h-uile ni a bh’ann
bha e uair san fheasgar mun do dh’fhag sinn.
O’n bha a’ ghaoth a nis air tighinn suas gu
math ris an iar agus a’ seideadh gu cruaidh,
bha fhios againn nach biodh e furasda do’n
bhata ceidhe Scalpaidh a ghabhail.
Scalpaidh na Hearadh
CO-DHIUBH, an uair a rainig sinn
Scalpaidh, dh’fhiach am batasteachchun a’
cheidhe, ach thachair direach mar a bha
sinn an duil. Is beag neart an duine an coimeas
ri neart nan duilean; bha a’ ghaoth cho laidir
’s nach d’fhuaradh air tir ach aon bhall, am
ball-toisich.
Cha tainig muir gun stiuradh air na fir a
bh’air tir, gu ta, agus bha sgioba aca deiseil le
eathar beag is chaidh aca air am ball-deiridh a
thoirt gu tir. Ach, air cho ealamh's gu robh na
laoich thapaidh a bha air tir ag gabhail air a’
bhall, bha am bata a nis air gluasad a mach cho
fada o’n cheidhe agus a leithid de chothrom aig
a’ ghaoith oirre ’s gun do bhrist na buill.
Thuig an sgiobair gle mhath nach deanadh e
an gnothach, agus thill e am bata a mach an
comhair a deiridh. Mu chiad slat o’n chladach
thug e riachd air an fhideig a’ leigeil fhaicinn
do’n fheadhainn a bha air tir gun deanadh e
co-fhuireach nam fiachadh iad a mach leis an
da eithir bhig a bha aig a’ cheidhe.
Is fhada o bha lamh nam fear tapaidh ud ris a ’
chuan agus cha b’annas dhaibh idir cas na h-an-
uair; chaidh gach fear is te a bha ri falbh air
bord nan eathraichean, is thainig iad a mach
chun a’ bhata, ach cha b’ann gun riasladh.
An uair a nochd iad a mach o’n cheidhe bha
iad suas is sios mar area air bharr na mara, ’s
an dara uair chan fhaiceadh tu idir iad leis na
still mhara a bha a’ dol thairis orra.
Fhuair iad air bord co-dhiubh, ’s cha b’fhada
gus an robh sinn a rithist
“A’ dol gu uidhe a’ chuain fhiadhaich
Mar bu chubhaidh leinn iarraidh. ’ ’
Mu’n am a bha sinn a’ fagail theann a’ ghaoth
a mach a rithist ris an iar-dheas, ’s gu dearbh
cha robh i socair. An uair a nochd sinn a mach
bho thaigh-soluis Scalpaidh thdisich am bata
air tulgadh ’s air crathadh mar bu nos, agus
cha b ’fhada gus an do thog seo ceann do chuid.
Cha robh an iiine fada gus an do thoisich te an
siud is fear an seo a’ fis glagach.
Cha tug an tinneas grained seo fada ’ga chur
fhein an ceill agus mun do rainig sinn ceann an
Eilein Sgitheanaich cha robh moran am measg
nan sgoilear nach robh e air a bhualadh. Is e
gle bheag ’nar measg a rachadh ro dhan air
seorsa bidhe sam bith aig an am ud air che
miannach ’s gum biomaid air aig amannan
eile. Ach aon uair ’s gun do ghreimich sinn ri
fearann an Eilein Sgitheanaich cha robh a’
chilis cho dona, oir bha sinn an uair sin anns an
fhasgadh.
Nan robh a’ choir air a cumail ’s gu robh am
bata air a bhith trath, bha sinne a nis air a
bhith faisg air crioch ar turuis, ach is cinnteach
gun tug cuibheall an fhortain car ’nar n-aghaidh
an la ud. O’n bha am bata cho fada air
dheireadh cha b’urrainn dhi tadhal am Port-
righeadh, ’s mar sin dh’fheumamaid a dhol
do’n Chaol.
Gaol Loch-Aillse
CHA robh againn air an seo ach a bhith leis,
oii cha robh feum no stath ann cur an
aghaidh na bha an dan dhuinn. Chuir seo
smuairean nach bu bheag oirnn, ach is math
nach ’eil e furasda spiorad na h-6ige a chumail
sios. Ged a rinn sinn gearan air ar crannchur
aig an am, bha gach neach a nis air cur-na-mara
a dhi-chuimhneachadh, agus cha b’fhada gus
an robh sinn uile gu sunndach aighearach.
Gu ta, cia fad an duan ruigear a ceann, agus
cha do dh’fhairich sinn an uine cho fada gus an
do rainig sinn an Caol. A’ dol a steach do’n
Chaol bha gach fear is te ri lorg a mach an cuid
bhagannan, agus cha bu bheag an othail a bha
sin!
Cha bu luaithe cheangail am bata na bha
sinne air tir. Is gu deimhin, mur an robh
sinne taingeil faighinn gu tir, eadhon air ceidhe
a’ Chaoil fhein, tha mise briagach !
Fhuair sinn an t-aiseag a null do Chaol-
Acainn far an robh da charbad ’gar feitheamh
gus ar toirt do Phort-righeadh. Is ann is
iongantach an sunnd a bh’oirnn an deidh an
treachladh a fhuair sinn air ar turus.
Rainig sinn Port-righeadh mu ochd uairean,
's cha b’ann roimh am. Bha sinn seachd
seann sgith de ar turus. Theagamh gum b’e
seo, ’s nach b ’e ar toileachas ris an aite fhaicinn,
a b’aobhar air a’ ghlaodh aoibhneis a leig gach
neach as an uair a nochd sinn ri Port-righeadh.
B ’e sin an glaodh! Thatar ag radh gun cualas
an Ratharsaidh sinn!
Chan ’eil teagamh nach robh ar turus-cuain
fior dhona, ach a reir na h-eachdraidh a rinn
sinne do na Sgitheanaich air is iongantach a
tharr sinn idir as !