Skip to main content

‹‹‹ prev (176) Page 110Page 110

(178) next ››› Page 30Page 30

(177) Aireamh 8, Supplement - Gaidheal Og
Leabhar I
A \ GAIDHEjAL/ OU
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
AN T-SULTUIN, 1949 Aireamh 8
Turn* Cimin
Le NIALL GAIMBEUL
IS ann air an “Loch Mor,” am bata a tha a’
frithealadh Eileanan Innse-Gall, a bhios mise
is mo chomh-eileanaich uile ag gabhail ar
turuis thar a’ chuain Sgi, an uair a bhios sinn
a’ dol air ais ’s air adhart gu ard-sgoil Phort-
righeadh.
Is iongantach mura cuala sibh beag no mor
air chor-eigin mu na h-ioma turuis dhoirbh,
dholasach a fhuair sinn a’ dol thar chuain, agus
theagamh gum bu toigh leibh lan-sgeul fhaotainn
mu aon de na tursan cuain seo.
Tha e air a radh, agus feumaidh mi
aideachadh nach ’eil ann ach an fhirinn,
cho fad ’s is fhiosrach mise, nach d’fhuair
sgoilearan Phort-righeadh la math riamh gu
dol thar chuain. ’S gu c inn teach bha an turus
mu dheireadh a thainig sinn tarsainn mar bha
an corr, mur an robh e na bu mhiosa!
Thoisich ar trioblaidean aig fior thoiseach ar
turuis. An uair a dh’eirich mise sa’ mhadainn
Di-luain dh’aithnich mi orm fhein gu robh
turus ar creiche a dh’fheitheamh oirnn.
Co-dhiubh, thoisich mi gu tursach, cianail
air cruinneachadh gach piullaig is gioblaid a
bha mi a’ toirt learn. Mar a b’abhaist, a h-uile
uair a shaoilinn gu robh gach ni sa’ bhaga,
mhothaichinn do rud-eigin a bha mi air fhagail
as. Thachair seo uair no dha, gus mu dheireadh
—is mi a’ toirt suil mor-thimcheall orm—
bhoidich mi gu robh gach ni mar bu choir is
dhuin mi am baga. Ach fiachadh sibhse
ruibh! Direach an uair a bha mi ullamh ’ga
cheangal, nach ann a bhuail mo shiiil air mo
leabhraichean Gaidhlig! Cha d’fhuair iadsan
am beannachadh! ’S chan e sin a mhain ach
fear-ceasnachaidh na Gaidhlige gu bhith san
sgoil an latha an deidh dhuinn ruigheachd!
Gu cinnteach, chan ’eil sith dh’an aingidh ann!
Cha robh an uair a’ deanamh maille ’na ceum,
agus eadar gach leagail is togail a bh’ann cha
b’fhada gus am b’fheudar dtiomhsa bhith triall.
Ghabh mi an carbad feasgair a steach do Loch-
nam-madadh far am faighinn air bord an
“Loch Mor” an oidhchc sin. An uair a rainig
mise ceidhe Loch-nam-madadh ’s a chunna mi
coltas na mara, cha mhor nach do chuir mo
stamag glan char dhith. Bha na bataichean,
eadhon ann am fasgadh a’ bhaigh, a’ tulgadh
's a’ dubadh aig an acraichean.
Loch -nam -madadh
AREIR abhaist, bu choir do’n bhata a
bhith an Loch-nam-madadh eadar tri ’s a
ceithir uairean sa’ mhadainn, ach thainig
ceithir uairean is thainig coig uairean ’s Mta
cha robh air sgial.
“Beannachd sealbh leatha!” arsa fear beag
thall an oisean an t-seomair’s an robh sinn ’nar
suidhe, “chan e maireach latha a chi sinne
Port-righeadh! ”
“Gu dearbh,” arsa guth tursach eile, “nach
sinn a dh’fhaodas a bhith cearta coma! ’ ’
Nach robh e an deidh sia uairean sa’ mhadainn
mun do rainig am bata Loch-nam-madadh,
agus fadalach ’s gu robh i cha robh an da
chabhaig oirre falbh.
Cha bu luaithe a ghabh am bata an ceidhe na
thoisicheadh air cur a mach bathair. Sealbh
’gam bheannachadh! chanadh tu nach robh
punnd bathair air tighinn air tir an Uibhist bho
chionn bhliadhnachan. Eadar a h-uile trealaich
a bh’ann bha e naoi uairean mun do dh’fhag
sinn.
An uair a nochd sinn a mach do’n chuan cha
b’e an fhailt a b’fhearr a fhuair sinn. Bha a’
ghaoth a’ seideadh ’na h-uamhas o’n iar-dheas,
’s chitheadh tu na tuinn chaoirgheal a’ togail
cinn cholgarra eadar thu ’s trom neoil na
h-iarmailte.
A dh’aon mhathas, ’s ann ’nar deidh a bha
a ’ ghaoth, ach ged nach robh seo cho fior dhona,
bha e dona gu leor. Dh’eireadh am bata suas
air uachdar nan tonn, is shioladh i an sin sios
cho fada ’s gun do shaoil mi iomadh uair nach
robh i dol a thilleadh. Mar thubhairt Mac
Mhaighstir Alasdair:
“An uair a thuiteamaid bho bharr nan ard
thonn giobach,
Gur beag nach dochainneadh a sail an t-aigeal
sligneach. ’ ’
Is e fior dheagh stamag nach fagadh an
riisladh seo neonach, agus tha eagal orm nach
robh moran ’nar measg dhiubh. An fheadhainn
aig nach robh leabaidh sa’ bhata, bha cuid
dhiubh ’nan sineadh gun chlos air suidheachain
is cuid ri biathadh nan cudaig aig bial a’ bhata.
Bha sinn air an allaban seo gus an do rainig
sinn fasgadh a’ chladaich Hearaich, far nach
robh gluasad a’ bhata cho luaineach ’s far an
d’fhuair na bha bochd faochadh o’n tinneas-
mhara.