Skip to main content

‹‹‹ prev (179) Page 31Page 31

(181) next ››› Page 111Page 111

(180) Page 32 -
An Gaidheal Og
GAMPA COMUNN NA H-OIGRIDH, 1949
CHUMADH Campa na bliadhna seo aig
Inbhir Ailleart bho’n 30mh la de’n Og-
mhios gus an 25mh la de’n luchar, agus tha
e duilich a chreidsinn nach robh aon latha
flinch ann re a’ Champa.
Rainig na caileagan, ochd-deug-ar-fhichead
dhiubh, air feasgar ilainn, agus chuir iad
seachad aon-latha-deug cho sona is a dh’iarradh
duine. Chuii iad cuairt air a’ Ghearasdan is
aitean eile sa’ choimhearsnachd. Chumadh
Cleasan air raon-cluiche a’ Champa air feasgar
araidh.
Bha moran obrach r’a dheanamh fa chomhair
a’ chraobh-sgaoilidh a bha ri a chur air claran
leis am B.B.C. air oidhche Shathurna, ach, fo
stiuradh Eilidh choir, chaidh gach iomairt gu
reidh, agus is cinnteach gun cuala sibh uile an
craobh-sgaoileadh air an Radio. Tha taing
araid ri a thabhairt do’n B.B.C. agus Eoghann
Mac-a’-Phi a bha cho laghach ris a’ chloinn.
Is iomadh teaghlach sna h-Eileanan Siar a bha
ag eisdeachd an oidhche ud, saoilidh mi.
BHA ceilidh is dannsa aig na caileagan as
deidh a’ chraobh-sgaoilidh, agus bha na
caileagan air fad mar aoidhean aig a’
bhean-uasal Camshron-Head sa’ Chaisteal far
an d’fhuair iad rudan milis is ce-reodhta a
chord riu gu ro-mhath. Bha cuid de na
caileagan car tursach a’ fagail a’ Champa, ach
ag cur romhpa gun tilleadh iad an ath-bhliadhna
ach an comas is an cothrom a bhith aca.
Air feasgar Di-ardaoin rainig na gillean,
ochd-ar-fhichead, brogaich phongail, ged a bha
iad car diuid an toiseach. Coma, cha b’fhada
gus an do chuir iad eolas air a cheile, agus abair
sibhse gun do chord an Campa riutha-san. A
bharrachd air cuairt a chur air a’ Ghearasdan
is Gleann Fhionghuin, thug iad a mach Arasaig
air feasgar chb alainn ’s air an do laigh sixil
riamh, agus leis an Uachdaran, Mgr. Camshron-
Head, rinn iad direach air an uaimh anns an do
chuir am Prionnsa Tear! ach seachad an oidhche
mu dheireadh air tir Alba. Air feasgar Di-
ardaoin chumadh Cleasan nan gillean,'agus bha
stri ann nach bu bheag.
CHUIR Ceann-suidhe Comhairle Comunn na
h-Oigridh seachad deireadh-seachdain cuide
rinn agus bha e air ceann ceilidh nam balach.
Thadhail Fear-na-Brataich agus a cheile oirnn
cuideachd agus bha e na thoileachadh dhuinn
cuid na h-oidhche a thairgseadh dhaibh. Bha
Calum 6g cuide riutha agus dh’fhan esan
seachdain sa’ Champ. Bha an t-Urramach
Alasdair Domhnallach a Aird-Chatain, ball de’n
Chomhairle, cuide rinn fad da sheachdain, agus
is ann dha fhein a thigeadh tighinn gu Campa.
Bha an t-Urramach air ceann ceilidh nan caileag
agus anns gach iomairt co-cheangailte ris a’
Champ bha e’ na theis-meadhon. Am bliadhna
a rithist, thadhail an t-Ollamh Iain A. Mac-
Gilleathain, Rianadair an Fhoghluim an
Siorrachd Inbhir-Nis, oirnn agus rinn e comh-
radh ris na gillean. Tha sinn ’na chomain air
son na h-uidh a tha aige ann an oigridh na
Gaidhealtachd. An deagh eisimpleir!
Do na h-inbhich uile, mile taing air son na
h-obrach ionmholta a rinn iad, agus bidh sinn an
dochas gun till iad an ath-bhliadhna.
Thug na caileagan is na balaich taing chridheil
do Fhear Inbhir-Ailleart is a cheile chaomh
air son gach coibhneis a nochd iad riutha, ach
bu mhath leamsa mo thaing fhein is taing
Comunn na h-Oigridh a chur an ceill air son a
liuthad coibhneis a nochd iad rinn re am a’
Champa is roimhe sin. Guma fada bhios an
comas is an cothrom aca a bhith sineadh lamh
na fialaidheachd do chloinn na Gaidhealtachd is
nan Eilean.
Domhnall MacPhail,
Ceannard a’ Champa.
Litir Eachainn (bho t.d. 31)
bha aig a’ mhaighstir-sgoil, no agamsa air son
na codach sin dheth, co a bha cearr no co a bha
ceart, agus bha atharrachadh beachd aig a’
chorr.
Rainig a’ cheist cluasan nan inbheach feadh
nam bailtean, is bha beachdan is caochladh
bheachdan acasan mar an ceudna, gus (mar a
thubhairt mi) an robh daoine an impis leum air
a cheile mu a fuasgladh. Chan ’eil mise an
seo a’ dol a thoirt seoladh sam bith dhuibhse a
thaobh a h-oibreachadh a mach: tha mi ’ga
fhagail sin agaibh fein, agus tha dochas agam
gun toir sibh bhur beachd fein seachad, le bhur
n-aobhar gu tighinn gu co-dhiinadh sam bith
gus an tig sibh. Dh’fhaodainn innseadh an seo
gun deach mu dheireadh thall a’ cheist a chur
chon an Weekly Mail gu a fuasgladh; agus ged
a rinn an Weekly Mail sin, agus gu cothromach,
bha iadsan a bha de atharrachadh beachd
fathast gun aomadh air a thoirt orra ach de’n
bheachd anns an robh iad!
Ciod bhui beachd-sa mu “Cheist nam Brog,”
agus de nachaill an greusaiche air a’ mheirleach
a thug an car as? Chan ’eil mise a’ dol a
ghealltainn paidhir bhrog mar dhuais do’n
cheud bhalach no do’n cheud chaileig a bheir
dhomh freagairt cheart, chothromach, le lan
mhineachadh air a’ chuis, ach geallaidh mi gum
faigh e no i duais bheag air chor-eigin.
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
• — 32 —