Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 18Page 18

(108) next ››› Page 20Page 20

(107) Page 19 -
An Gaidheal Og
Lit ir Eacliaiini
AN uair a tha mise a’ sgriobhadh na
litreach seo, ged a bhios a’ Chaisg air a
fagail fada ’nur deidh mun ruig i sibhse,
tha i latha no dha air thoiseach oirnn an seo
fathast. B’ionmhainn leamsa riamh a bhith a’
meomhrachadh air a’ Chaisg, agus cha b’ann
uile gu leir a chionn gur ann air madainn
Di-domhnaich Casg a rugadh mi fein. B’e an
latha de’n mhios air an do thuit a’ Chaisg a’
bhliadhna ud an t-ochdamh la iichead de’n
Mhart, is fagam agaibh fein e gu fhaotainn a
mach ciod a ’ cheart bhliadhna a bha ann!
Uibhean Casg
Bha e ’na chleachdadh againne an uair a bha
mise ’nam bhalach a bhith a’ deanamh
“folachan” air uibhean a bhiodh boireannaich
fhialaidh, choire na coimhearsnachd a’ toirt
dhuinn roimh laimh, agus an uair a thigeadh
mu dheireadh thall an latha ro-araidh seo,
bha na h-uibhean air an toirt am follais, agus
nam biodh a’ mhadainn idir leth-char tioram,
bha sinn a’ fadadh teine an sgor no cixl creige
anns a’ chladach ’s a’ bruich nan uibhean an
sin. Tha mi cinnteach nach biodh iad air am
bruich aon ni na b’fhearr na bhiodh iad air
teine an taighe, ach bu mhiadhar leinne iad air
am bruich mar sin, eadhon ged a b’ann air
thuaireamas, gun uaireadair gainmhich no
uaireadair eile againn, a bha sinn ’gam bruich.
Bha bliadhna an siud agus bha na h-uibhean
air an cur am folach mar a b’abhaist. Tha
cuimhne ro-mhath agam gu robh ubh mor
tunnaig a thug caomhag, bean Alasdair Mhic
Eoghain, dhomh air aon dhiubh; agus leiginn
fhaicinn dhuibh an diugh fathast a’ cheart
uirigh anns an robh m’fholachan priseil agam
air cheann na feisde.
Thuit a’ Chaisg a’ bhliadhna ud car mar a
tha i am bliadhna fhein, no rud beag na b’fhaide
air aghaidh. Co-dhiubh, is e am cur a’ bhuntata
a bha ann. Mar a bhitheamaide ag cur a’
bhuntata leis na pleadhagan, bhiodh pocain
bheaga air an deanamh gu giulan nan sgealb
ceangailte mu’n mheadhoin, mar a cheanglar
apran. Latha no dha roimh an Chaisg bha mise
is Seumas, brathair na b’oige na mise, ri
cleasanachd bheag dhuinn fein, is bha am
poca buntata air aon de na nithean de an robh
sinn a’ deanamh ar cuid fein ’nar cluich.
Tubaist Eachainn!
Uair de na h-uaireannan chaidh am poca a
thilgeadh suas air tugha an taighe, is stad e an
sin, an aite tighinn a nuas a rithist ’na charan
mar a bha diiil againn.
Streap mise an sin suas air oisinn an taighe
gu greim fhaotainn air a’ phoca, agus nach ann
a thuit mi thar a’ bhalla is chaidh mi as an
uilinn chli! Chaidh mi a staigh is ciuchran
agam agus mi ag gearan ri m’ mhathair gu
robh mo lamh briste. Thug mo mhathair
chaomh nach beo dhiom an t-seacaid, agus
chunnaic is thuig ise mar a bha.
Bha mo mhathair-sa de theaghlach a bha
anabarrach sgileil anns gach ni de’n t-seorsa
seo, agus a thiota chaidh i an greim ’na mo
laimh. Cha robh leigh mar astar dhuinn, is
cha robh fios agamsa gu robh a leithid de ni
ri ambulance anns a’ chruthachadh idir! Ciamar
a chaidh i mun cuairt air chan urrainn domh
innseadh dhuibh gu cothromach, ach gu robh
aon lamh aice ag glacadh m’uilne is an te eile
a’ sniomh mo ghairdein air dhoigh-eigin.
Co-dhiubh, mar a theireadh i fein e an uair
a bhiodh i ag aithris air a’ chuis, dh’fhairich
i an cnaimh “a’ tionndadh beo” ’na glaic, is
bha m’uileann-sa air a h-ais mar bu choir.
Ach chaidh mo chaireadh do m’ leabaidh, le
ceanglan teann mu m’uilinn, is a siud cha robh
mi ri gluasad!
Bha a’ Chaisg a nis dluth, agus an uair a
thainig feasgar Di-sathuirne, cha robh aig
Eachann bochd, ’s gun e fein air chomas streap
gu uirigh nan uibhean, ach seoladh a thoirt
air caite an robh iad air an cur am folach,
briseadh-duil a bha anabarrach leis an uair
ud, agus thugadh dhachaidh na h-uibhean,
ubh mor na tunnaige aig Bean Alasdair air a
h-aon dhiubh! Chan urrainn dhomh innseadh
dhuibh cia na dh’ith mi de na h-uibhean
madainn Di-domhnaich, ged is cinnteach gu
robh ubh na tunnaige air aon dhiubh; ach tha
mi dearbhte nach robh iad idir cho blasda learn
’s a bhitheadh iad le am bruich shios an taic
na tuinne, ri cixl gaoithe ’s ri aodann greine!
Reannagan
Tha mi an dixil gur coir dhomh tilleadh
ris na bha mi ag radh an litir a’ Mhairt, agus
mearachd bheag a thog ceann (chan ’eil fios
agam ciamar) a chur ceart. Chan i Bhega
idir an reannag a chi sibh a’ seoladh seachad
bho’n iar gus an ear an cridhe na h-airde
tuath mu mheadhoin oidhche am meadhon an
t-samhraidh ach Capella. Tha Bhega an uair
sin am fior mhullach na speur; is tha ise, ach
a mhain gu bheil i nas isle na slighe Chapella, a’
tarraing bho’n iar gus an ear ’s a’ deanamh
‘‘eirigh gun laighe” mu mheadhoin oidhche am
mios meadhonach a’ gheamhraidh.
(An con air an ath dhuilleig)
— 19 —