Skip to main content

‹‹‹ prev (107) Page 19Page 19

(109) next ››› Page 63Page 63

(108) Page 20 -
An Gaidheal Og
\ai€llioaoli«l a Enhhir A^ilal
VI—Turus Iain an Fheilidh do Eilean
lUBH
BHA a’ mhuir seimh gu leoir an uair
thug Iain an Fheilidh an t-eilean air.
Rainig e an cladach eadar a’ Ghualainn
Mhor agus larach taigh ’ic Cheitein. Tharraing
e an t-eathar a nuas, agus'chaidh e an sin air
cheilidh air Iain an Tailleir. Air an t-slighe,
a’ dol tarsainn air an eilean, bha Iain a’
smuaineachadh gle thric air a charaid nasal, an
t-Urramach Seumas Noble MacCoinnich—
Seumas na Bantraiche—a tha nis ag gabhail
comhnaidh am Melbourne, Astralia, ach a bha
air a bhreith air Eilean lubh bho chionn cheithir
fichead bliadhna agus a tri.
Chuir Iain an Tailleir failte chridheil air Iain
an Fheilidh, agus bha conaltradh taitneach aca
ri a cheile. Tha caoraich agus crodh aig Iain an
Tailleir, agus tarbh dubh. Mar seo chaidh
moran de an latha seachad, agus anns an
fheasgar thug Iain an Fheilidh a’ mhuir air a
rithist. Ach bha a ’ ghaoth a nis air eirigh, agus
a’ seideadh a nuas gu maith cruaidh a beul an
locha; bha gluasad cheana air aghaidh na mara,
agus thainig glumag mhaith fhairge an drasd
agus a rithist a steach air taobh leis an eathair.
Eadar feileadh agus sporan, chaidh Iain a
fhliuchadh; bha a’ ghaoth agus an fhairge a nis
ro bhras air son gun ruigeadh e Inbhir Asdal.
Chunnaic Alasdair Og Neill Ruairidh Aonghais
an t-eathar bho an rathad mhor, agus chrath e a
lamh ri Iain air son fios a leigeil dha gum bu
choir dha ruith cladaich a thoirt do an eathar
shios aig Naast, aig bun an uillt, fo thaigh
Anabella Chailein. Rinn Iain seo, agus thainig
Alasdair Og, Domhnall Ruairidh, Eachann
Aonghais, agus mac Alasdair Chailein a nuas do
ionnsaigh a’ chladaich air son cuideachadh a
thoirt dha, agus b’e cuideachadh maith a bha
ann. Is e dearg amadan a tha gle thric an Iain
an Fheilidh, ged is e fhein a tha ag radh sin ris.
VII—An Ron Maol Ban
Tha Niall Thormoid ag radh nach ’eil an
seann ron maol, bctn ri a fhaicinn a nis shios aig
laimrig Neill Ruairidh Aonghais. Tha e ag
radh gum faca e an ron seo fad choig seachdain-
ean, mu ochd uairean anns a’ mhadainn.
Uaireannan chunnaic Niall am beathach ’na
sheasamh air an laimrig air a dha chois, agus
e a’ leum a nuas agus a nios, agus a’ dannsadh,
mar gum biodh e ’ga thiormachadh anns a’
ghaoith.
VIII—A’ Choinneamh Urnuigh
Is e Coinneach MacCoinnich as an Fhaidhir
Mhor a tha mar is trice air cheann na seirbhis.
Tha Iain Ruairidh Aonghais agus Coinneach a’
Ghobhainn agus Niall Ruairidh Aonghais
comhla ris. Bithidh cuimhne agam air
coinneamhan urnuigh Inbhir Asdal fhad ’s beo
mi. Tha Loch lubh ri a fhaicinn a mach air na
h-uinneagan, -agus monaidhean agus beanntan
mora Shiorramachd Rois fada air falbh. Am
feasgar mu dheireadh bha Ruairidh an Dobhaidh
ann. Is milis an doigh labhairt a tha aig an
Ruairidh seo. Tha mi ’ga chluinntinn fhathast:
“ ‘Na biodh eagal ort,’ a deir Criosd, ‘oir is
mise a shaor thu; ghairm mi thu air t’ainm; is
leam-sa thu, agus mo choibhneas graidh chan
atharraich bhuait-sa, agus cumhnant mo shith
cha tilgear bun os cionn.’”
Agus b’e Niall mo ghraidh a thuig fior mhaith
ciod e an salm a bhiodh freagarrach am feasgar
sin, agus a’ ghrian a’ dealradh air na beanntan
a bha ri am faicinn gu soilleir ceann shuas na
duthcha:
Mo shuile togam suas a chum
nam beann, o’n tig mo neart.
O ’n Dia rinn talamh agus neamh,
tha m’ fhurtachd uile teachd.
Iain an Fheilidh.
Litir Eachainn (bho t.d. 19)
Tha rud beag eile a bu mhath learn a thoirt
fainear an drasd, ged tha, agus feumaidh sin
crioch a chur air an litir seo. Tha an Ard-
chomhairle air a shuidheachadh gum bi cuairt-
litir air a cur a dh’ionnsaigh gach Feachd de
Chomunn na h-Oigridh a’ sparradh air gach
ball fa leth a bhith ag ceannach a’ “Ghaidheil”
gach mios mar a thig e a mach. Ma ni na
Feachdan sin uile is leantainn air, bidh e ’nar
comas “An Gaidheal” a thoirt dhaibh le beagan
lughdachaidh air a’ phris. Togaibh oirbh,
ma ta, agus na fanaibh air bhur n-uillnean,
mar a dh’fhan an Fheinn an uair a chuala iad
dara sgal na trompaid, is na bithibh a’ feith-
eamh ris an treasa sgal gun dol gu feum. Tha
“An Gdidheal” air a mheudachadh gu mor, is
dreach na h-6ige air a thoirt dha. Tha fios
agaibh gu bheil duilleagan air an cur air leth
ann a nis air bhur son-se a mhain, agus ma
bhios sibhse is na Gaidheil uile ’ga cheannach,
is chan ’eil e ag cosg ach bonn beag she sgillean,
ciod am fios nach ann a bhios e ’nar comas
beagan tuille de mheudachd a bhuileachadh
air, le paipear, a reir gach coltais, ri bhith nas
fhasa a sholar bho seo a mach.
Tha fiughair agam gum bi lan-fhiosrachadh
mu Champ an t-samhraidh agam dhuibh an
aireamh an Og-mhios.—Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill .
— 20 —