Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Aireamh 5, SupplementAireamh 5, SupplementGaidheal Og

(107) next ››› Page 19Page 19

(106) Page 18 -
An Gaidheal Og
C© lad? — Se© lad!
AN d’fhuair sibh a mach co no ciod iad an
fheadhainn a dh’ainmich mi air a’ mhios
seo chaidh? Seo dhuibh na freagairtean.
1. Eachann Ruadh nan Cath
B’e seo Eachann MacGilleathain, Triath
Dhubhaird is Ceann-feadhna Clann Ghill-
eathain. Chaidh a mharbhadh ann an Cath
Gairbheach anns a’ bhliadhna 1411, ann an
comhrag aon-fhir ris an Ridire Alasdair Irbhin,
Fear an Droma. Thuit Alasdair fo laimh
Eachainn is thuit Eachann fo laimh Alasdair.
Tha seann oran ag radh mu Eachann:
‘ ‘ Bu Sheanalair buadhach uasal ainmeil
Eachann ruanach Ruadh nan garbh chath. ’ ’
2. Iain Dubh nan Cath
B’e seo Iain Greumach Chlebheris, Morair
Dhun-deagh, ris an abradh iad anns a’ Bheurla
“Bonnie Dundee.” Chaidh a mharbhadh an
1689 aig Cath Raon Ruairidh no Coille Chnag-
aidh. Seo mar a tha Iain Lom ag radh uime:
“A shar Chlebheris nan each,
Bu cheann-feadhn’ thu air feachd:
Mo chreach leir an tus gleac mar dh’eirich
dhuit.
“Bu lasair theine dhaibh t’fhearg
Gus an d’eirich mi-shealbh:
Bhuail am peileir fo earball t’eididh thu. ’’
3. Gilleasbuig Gruamach
B’e seo Gilleasbuig Caimbeul, Marcus
Earraghaidheal. Thug Marcus Mhontrois
buaidh air aig Blar Inbhir-lochaidh an 1645.
Chaidh a dhith-cheannadh an Dun-eideann an
1661. “Triath nan Gaidheal Gilleasbuig”—
sin an cliu a tha air ann an seann bhardachd,
ach bha ainm eile aig Iain Lom dha fhein agus
d’a shluagh—“Caimbeulaich nam beul slig-
neach. ’ ’
4. MacCailein
Seo an sloinneadh a bha aig na Gaidheil o
shean air Ceann-feadhna nan Caimbeulach,
Triath Earraghaidheal. Air uairean theireadh
iad “Mac MhicCailein. ”
5. Mairi Mhor nan Oran
B'i seo Mairi Nic a’ Phearsain, no Mairi
nighean Iain Bhain. Rugadh i anns an Eilean
Sgitheanach an 1821, agus tha feadhainn beo
fhathast a chunnaic i. Chuir i seachad greis
d’a beatha an Glaschu agus rinn i moran oran,
’nam measg “Nuair bha mi bg” agus “Breacan
Mairi Uisdein. ” Is ise a rinn an t-6ran seo:
‘ ‘ Ged tha mo cheann air liathadh
Le deuchainnean is bron,
Is grian mo leth-cheud bliadhna
A’ dol sios fo na neoil;
Tha m’aigne air a lionadh
Le iarratas ro mhor,
Gum faicinn Eilean Sgiathach
Nan siantannan ’s a’ cheo.
‘ ‘ Tha corr’s da fhichead bliadhna
Bho’n thriall mi as ’gam dheoin,
’S a chuir mi sios mo lion
Am meadhon baile-mhoir;
Is ged a fhuair mi iasgair
A lion mo thaigh le stor,
Cha do dhi-chuimhnich mi riamh
Eilean Sgitheanach a’ Cheo.”
(An cfrrr air an ath mhios)
Is toigh le Iain is Anna a
bhith comhla ri Calum
Giobair is Fraoch, an ctiaige,
is iad ag obair air na h -uain
bheaga.
Bha aon uan beag ann—
Siiisaidh an t-ainm a bha
oirre—a chaill a mathair.
Thug Anna deoch-bhainne
dhi, agus nach ise a bha
air a dbigh!
Bha caora bhochd an siud
is bhasaich an t-uan aice.
Chuir Calum Ciobair cota
de chraiceann an uain
mhairbh air Siiisaidh, agus
ghabh a ’ chaora rithe mar a
h-uan f6in.
— 18 —