Skip to main content

‹‹‹ prev (104) Page 62Page 62

(106) next ››› Page 18Page 18

(105) Aireamh 5, Supplement - Gaidheal Og
Ai\ CJAIDHEAL OCi
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
Leabhar I
AN CEITEIN, 1949
Aireamh 5
l^a^al an TairRih
Le GILLE-PAQRAIG
< < A N robh eagal riamh ort ? ’ ’ arsa Bus-
/-\dubh ri Blaran.
“Eagal orm, a bhroinein? Co air nach
robh e, uair no uair-eigin ? ’ ’
“An robh eagal mor ort uair-eigin?” arsa
Bus-dubh.
“De uibhir is a bhitheadh e mum biodh e mor
ort ? ” ars an tarbh ris.
“Cho mor seo,” arsa Bus-dubh, agus e togail
a spoig os cionn na cluaise.
“O, seadh,” ars an tarbh, “nam bu bheag bu
rud-eigin! ’ ’
“De,” ars an cuilean, “an t-eagal bu mhotha
a ghabh thu riamh ? ’ ’
“Innsidh mise sin duit,” thuirt an tarbh.
“Bha mi aon latha an deidh domh mo leoir
itheadh, agus mi ’nam laighe am measg nan
clachan cnapach air cul Garadh-nam-molt,
agus bha mi cho sona dheth agus nach robh
guth agam gu robh duine no beathach eile air
an t-saoghal a bhos ach mi fhein. Latha an
aigh a bha ann, le grian theth an t-samhraidh a’
sgoltadh nan creag agus an cuan mor maiseach
’na aon linne reidh eadar mi is bun sgoth. Is
ann eadar mo chadal is mo dhuisg a bha mi,
agus is ann ’nam chadal a b’usa dhomh a bhith
mur b’e na cuileagan grannda . ”
“An e na meanbh chuileagan ? ’ ’ arsa Bus-dubh.
“Chan iad iad fhein, ach feadhainn as miosa
learn na iad.”
“Na cuileagan dubha,’’ arsa Bus-dubh.
“Chan iad leis,” ars an tarbh; “agus
cuimhnich, chan ’eil mise dol as aicheadh nach
'eil an te dhubh gu h-olc. Is e bha ann na
creithleagan, a mhic; agus de na thig ’s na
thainig is iad sin na cuisean-diumbaidh aig buar
’gam blianadh am blaths na greine, agus gun de
mhodh orra na chumas iad an taobh aca fhein.
Ach, gun stad a chur air mo sheanchas, siud
agadsa mar a bha mise, a chuilein, agus gun dad
eadar mi is mo chebl-suaimhneis ach plaigh nan
cuileagan. Cha robh air sin ach sin fhein, ach
is ann a thainig dubhar eadar mi is grian agus
ghrad chaidh an t-uamhas ud thar mo dhroma,
agus chaidh crith orm leis an eagal gus an robh
gach calg a bha orm air eirigh direach as a bhun.
Agus mun d’fhuair mi cothrom uibhir is gaorag
a leigeil asam chunnaic mi fath mo chunnairt. ’ ’
“Agus de bha sin?” arsa Bus-dubh.
“De a bha ach da bhalach chas-ruisgte a’
leum seachad orm ’nan deannaibh dearga agus
gun iad ach air an sgoil fhagail. Is ann a
b’abhaist do na balaich a bhith fuireach bhuam.
Ach siud direach mar a rinn Seumas is Ruairidh.
Ghearr iad surdag de leum seachad air cnaimh
caol an droma agam. Chan ’eil fhios agam nach
robh iad fhein cho lan de’n eagal agus a bha
mise (ma tha leithid de rud is eagal idir air
siubhal nan creutairean neonach sin), ach, creid
uam e, chan ’eil uair a nis a chi mise Seumas no
Ruairidh nach ’eil dearg eagal mo bheatha
orm. ’ ’
“Agus a bheil eagal agad roimh na daoine
mora?’’ ars an cuilean.
“Eagal roimh na daoine moral Gu dearbh,
chan ’eil no dad de’n t-seorsa! Faodaidh tu fios
a bhith agad de tha iad sin ag iarraidh, ach
rudan beaga a leumadh seachad ort air aird a’
mheadhon-latha, tha mise ag innseadh duit
nach ’eil iad cneasda.”
‘‘Am buin iad dhomhsa? ’ ’ arsa Bus-dubh.
“Nan gabhadh tu mo chomhairle-sa,” arsa
Blaran, “sheachnadh tu iad. Tha mise a’
smaoineachadh nach soradh iad do bhathadh. ’ ’
“Tha mi a’ dol dachaidh,’’ arsa Bus-dubh.
Ceart acli a«l h
“ LEUM AN EICH ”
ANNS na duilleagan seo, an aireamh a’
Ghearrain, chlo-bhuail sinn sgeul, “Leum
an Eich, ’ ’ agus thuirt sinn gun deachaidh a
sgriobhadh le Catriona NicDhomhnaill agus gun
do choisinn e a’ cheud duais an co-fharpais
litreachais aig Mod Naiseanta 1947.
Tha sinn gle dhuilich gun d’rinneadh
mearachd a thaobh an sgeoil seo. Cha d’fhuair
an sgeul duais-litreachais aig Mod 1947, agus
chan i Catriona NicDhomhnaill a sgriobh e ach
Anna NicGhilleathain, Runaire a’ Chomuinn
Thirisdich—ban-iighdar a tha air moran a
sgriobhadh an Gaidhlig, gu sonraichte dealbh-
chluichean. Leis an sgeul seo aice choisinn
Niall MacGhille-dhuinn duais-aithris aig a’
Mhod.
Tha sinn ag iarraidh maitheanais air Anna
NicGhilleathain agus Catriona NicDhomhnaill
air son na mearachd, ach cha d’rinn sinne ach
innseadh mu’n sgeul mar a dh’innseadh dhuinn
uime an uair a thugadh dhuinn e air son a
chlo-bhualadh. Am Fear-Deasachaidh .
— 17 —