Skip to main content

‹‹‹ prev (60) Page 10Page 10

(62) next ››› Page 12Page 12

(61) Page 11 -
An Gaidheal Og
Litir EiSicIiainn
Beagan roimh am dhuinn dol a laighe an
oidhche roimhe, chaidh mi a mach gu cul an
taighe feuch ciod an seorsa oidhche a bha ann.
Bha an latha a bha ann gle fhliuch, is lean e mar
sin suas feasgar is gu math a steach do’n oidhche.
Ach bha nis an sior-uisge air lasachadh is, mar
a chuir a ’ bhana-bhuidseach e, i “ ’na turadh
eadar na frasan.” Bha fras throm an deidh
dol seachad, agus an t-adhar a nis cho glan ’s a
chithear uair sam bith e anns na cearnan seo.
Tha cul an taighe againne ri aghaidh na h-airde
an eara-dheas, agus an uair a bheachdaich mi
air an t-sealladh sula a bha fo m ’ ehomhair air
an speur, is e a bhuail ’nam inntinn gur math a
bu choir dhomh buntainn ris anns an ath litir
a bha mi gu a sgriobhadh dhuibhse, a chlann.
A bheil sibh ag cur uidh an speuradaireachd
no reultaireachd, no facal sam bith a thogras
sibh a radh ri astronomy} Mur ’eil, tha mise
gle dhuilich, oir is ni sin a bu choir do gach
balach is caileig, gu sonraichte air an duthaich,
a bhith deidheil air oir geuraichidh e bhur
n-inntinnean gu mor. Chan ’eil taobh eile
air foillseachadh a’ chruthachaidh anns a bheil
cumhachd an Fhir a dheilbh nas comharraichte
air a leigeil ris na am brat soillseach nan speur
an uair a tha an t-adhar aig a ghloinnead,
biodh gealach ann no as.
Bha leth-chearcall gealaich ann an oidhche
a bha an seo ceart gu leor, ach bha i air tarraing
gu math siar, is an rath thaighean a tha a’
ruith a reir an taighe seo air a toirt dhiom. Cha
bu mhisd brat soillseach nan speur sin gu e
fein a leigeil ris na b’fhearr a thaobh nan
reannag do’n t-suil a chitheadh.
Sirius
A’ cheud bhall soluis air an do rug mo shuil
b’e Sirius, giomanach mor nan reannag uile, a
chithear as a’ chearn seo de’n t-saoghal. Is
iomadh bliadhna a tha air ruith bhuainn bho ’n
cheud fheasgar a thug mise fainear i an toiseach,
fada mun robh fios agam ciod an t-ainm a
thugadh oirre. Dh’fhaodainn innseadh dhuibh
a’ cheart bhad air an robh mi ’nam sheasamh,
is far an robh ise r’a faicinn, nam b’aithne
dhuibh an t-aite. Innsidh mi dhuibh an
ceartair far am faigh sibh i. A nis, tha mi air
mhiann an seanachas seo a dheanamh cho
simplidh ’s a ghabhas e deanamh, a chum ’s
gun tuig sibh uile e, agus aig a’ cheart am
a’ feuchainn ri seoladh a thoirt dhuibhse air
caite am faigh sibh na reannagan is na cruinn-
mheallan soluis fa-leth a dh’ainmicheas mi.
Tha mi an duil gur i an t-Slat-thomhais no,
mar a theirear anns a’ Bheurla, Crios Orion,
as fhasa a thogail an toiseach. Bha i an siud
mu m ’ choinneamh, cha mhor an cridhe na
h-airde deas, tri reannagan a ceann a cheile,
gun iad cho boillsgeil ris an fhior fheadhainn
mhora, le beagan is leud gealaich lain eadar
gach te dhiubh is an ath te.
Reannag nan Daoine dice
Tha reannag bhoillsgeach, dhearg os cionn na
Slaite, Betelgueza. Tha an reannag seo uairean
nas dealraiche ’na solus, no a chur an doigh eile,
tha i a’ ruith cursa thri bliadhna, is i a’ tighinn
gu airde a soillse an ceann gach tri. Tha
speuradairean a’ toirt aobhair dha sin, ach cha
teid sinne a staigh anns a’ chuis sin an ceartair.
Tha iad ann a tha ag creidsinn gum b’i seo an
dearbh reannag a sheol daoine glice na h-airde
an ear gu st&bul diblidh Bhetleheim an oidhche
a rugadh an Slanaighear. Uiread astair fo’n
t-Slait ’s a tha Betelgueza os a cionn tha Rigel,
reannag mhor i fein ’s a solus nas gile; ach, le
bhith cho iosal anns an adhar, cha bheir i
air an t-suil cho deas. Car mu uair gu leth an
uaireadair air deireadh air Rigel, ’s a’ lean-
tainn an aon chiirsa bho’n ear gus an iar tha am
famhair mor a dh’ainmich mi, Sirius. Tha
speuradairean ag radh gu bheil Sirius seachd
uairean nas motha na a’ ghrian againne, oir
chan ’eil anns a’ ghrein againne ach reannag i
fein, is reannag gle bheag laimh ri giomanaich
eile. Tha Sirius a’ soillseadh le solus biorach
leth-char gorm-gheal. Shuas os a cionn tha
reannag bhoidheach, gun uiread de ghorm ’na
solus, Procyon, is uiread eile de astar os a cionn-
se tha a’ Charaid, Castor is Pollucs. Chi sibh
iad seo air an ainmeachadh anns an Sgriobtur.
An Grioglachan
Le suil a thoirt siar air an t-Slait-thomhais,
is gu math os a cionn, tha reannag dhearg
shoillseach eile, Aldebran, “suil an tairbh,’’
oir is i an reannag as motha an cruinn-mheall
an Tairbh—Taurus anns an Laidinn; agus rud
beag os a cionn is air thoiseach oirre chi sibh an
Grioglachan, cruinn-mheall eile a tha air
ainmeachadh anns an Sgriobtur. Tha mi an
dochas gur aithne dhuibh uile an Grioglachan.
An uair a thig an t-am seo de’n bhliadhna tha
an Grioglachan ‘ ‘ ag call a thoimhstean, ’ ’ mar
a theireadh m’athair e; ach is ann mar a tha
nach ’eil an Grioglachan, no reannag sam bith
eile, air an aon tomhas del oidhche an deidh
a cheile, oir tha gach te dhiubh a’ bualadh
seachad air' an aon bhad de’n speur ceithir
mionaidean nas traithe gach oidhche gus an
cuir iad an cuairt bhliadhnail. Car mu’n aon
— 11 —