Skip to main content

‹‹‹ prev (61) Page 11Page 11

(63) next ››› Page 31Page 31

(62) Page 12 -
An Gaidheal Og
uiread astair sear air Sirius ’s a tha an
Grioglachan siar oirre tha cruinn-mheall na
Leoghain, le Regulus mar an reannag as boills-
geanta innte. Bha i direach ag eirigh gu math
sear an uair a bha mise ag gabhail seallaidh air
an speur. Suas ris an ear-thuath gu math, ach
i fathast gun eirigh, bha giomanach mor eile,
Arcturus. Tha ise mar an ceudna air a
h-ainmeachadh anns an Sgriobtur. Ciamar a
nis a bha fios agamsa gu robh i an siud is gun mi
’ga faicinn? Bha a chionn gu robh fios agam
gu robh i ann, agus a’ cheart bhall de'n speur
anns an robh i. Is ise an seud as boillsgeanta a
tha an cruinn-mheall a’ Chruin Thuathaich.
An Crann-Arainn
Innsidh mi dhuibh a nis an doigh anns am
faigh sibh i. Is cinnteach gur aithne dhuibh
uile an Crann-arainn, oir tha e air an adhar is
r’a fhaicinn am sam bith de’n oidhche a sheallas
sibh air a shon, ach an t-adhar a bhith glan.
Mar na reannagan eile a tha cho fada tuath ris
anns an speur, chan ’eil an Crann a’ dol fodha
idir anns a’ chearn seo de’n t-saoghal.
Seo agaibh, a nis, mar a gheibh sibh Arcturus
leis a’ Chrann a ghabhail mar sheoladh. Tha
na tri reannagan mor a a tha mar spagan do’n
Chrann a’ ruith le bogha beag orra, eadhon
mar spagan a’ chrainn-threabhaidh fein.
Leanaibh, ma ta, le ’r suil am bogha sin, mar a
tha an Crann air a shuidheachadh, agus, mu fhad
a’ Chrainn fein air falbh, gheibh sibh Arc tows.
Chan urrainn dhuibh mearachd a dheanamh,
oir is i an reannag as motha anns a’ chuid sin
de’n speur. Tha Arcturus ceud gu leth uair nas
motha na a’ ghrian againne, is bheir a solus
na miltean bliadhna mun ruig e sinne !
Chan ’eil ach da reannag eile a dh’ainmicheas
mi an ceartair, Bhega agus Capella. Tha Bhega
car geal ’na solus, is Capella dearg, ach gun i
cho dearg ri Betelgueza. Bha i an siud an
oidhche ud gle dhliith air f ior mhullach na speur.
Bha Bhega cho iosal ’s a ghabhadh i faicinn le
ceartas an cridhe na h-airde tuath. Chan ’eil
aon seach aon dhiubh a’ dol fodha an seo;
ach tha Bhega rud beag nas fhaide air falbh
bho’n Reannaig Thuathaich, is i mar sin nas isle
an am a bhith a’ dol seachad bho’n iar gus an
ear air an t-slighe gu eirigh an airde do’n speur
a rithist. Nam biodh sibh a mach mu mheadh-
oin oidhche anns an Og-mhios chitheadh sibh
i ag inntreachadh an ear-thuath, gu h-iosal
fo’n Reannaig Thuathaich.
Tha dha no tri de reannagan eile a bu mhath
learn ainmeachadh, ach an ceartair tha e fada
san oidhche mu bheil iad ag eirigh agus fagaidh
sinn iad gu uair eile, is e sin ma bhios sibh air
mhiann gun innsinn duibh mun cuairt orra.
Bha m’athair-sa anabarrach beachdail a
thaobh nan reannag is an t-sruth-mhara.
B’iad an Grioglachan, an Crann-arainn agus an
lan a b’uaireadair dha, agus bu mhath a
leughadh e iad uile. An uair a bhiodh e “a’
tarraing anmoch,” mar a tha e aig an bran,
mu’n am seo de’n bhliadhna, theireadh e gu
robh an Crann-arainn air “car a chur dheth,’’
is bha sin ag ciallachadh gu robh an t-am do’n
cheilidh a bhith seachad is an teaghlach ag
gabhail mu thamh.—Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill .
Aii Cat agru* an Lucli
Thuirt an luch ’s i san fhroig,
De 'm fonn a th'ort, a chait romaich
ghlais ? ’ ’
Comunn is cairdeas is gaol—
Faodaidh tusa tighinn a mach. ’ ’
’S eolach mi mu’n dubhan chrom
A tha mach o bhonn do chas;
Mharbh thu mo mhathair an de,
Ge caomh rium do bheus an diugh.’’
Cha mhis’ a bha sin ach cat Mhic Iain Ruaidh
A b ’abhaist a bhith ruagadh chearc;
Ghoid i ’n caise bha sa’ chliabh,
’S dh’ith i ’n t-iasg a bha sa’ phreas.”
Sta<*a IMioinliiiaill Chaim
Tha an staca seo air cladach Mhangarsta an
Uig an Leodhas—sprod ard biorach de chreig
ruaidh agus mu uibhir lar taighe de thalamh
reisg air a bharr!
Anns > an fheur chithear clach no dha de
larach na h-aitreibh a bha aig Domhnall Cam,
agus tha ceuman ri’m faicinn air aghaidh tire
de’n staca far am biodhte a’ direadh is ag
cromadh.
Ged a thug tri cheud bliadhna muthadh
follaiseach eadhon air a’ chreig san dearbh
aite, is e seo cuimhneachan as fhearr air
Dbmhnall Cam a tha ri fhaicinn an Uig.
Bha triuir mhac do Dhomhnall Cam aig
Blar Allt Eireann, agus dh’obraicheadh fear
aca a claidheamh anns gach laimh.
Is ann air sliochd Dhomhnaill Chaim a
thainig Thomas Babingion Lord MacAulay.
Is ann o Iain Ruadh a thainig Domhnall Cam
mac Dhubhghaill. Bha mathair Iain Ruaidh
a Muile agus b’i nighean do MhacGilleathain
Locha Buidhe bu cheile phosda da.
C. McG.