Skip to main content

‹‹‹ prev (59) Aireamh 3, SupplementAireamh 3, SupplementGaidheal Og

(61) next ››› Page 11Page 11

(60) Page 10 -
An Gaidheal Og
\;i Ifiairtl €iliai<llukalach
A IIMithiu^ IHiomli
Le Iain N. MacLeoid
2. “Fionn”
An uair a bhios sibhse a tha 6g a’ sgrudadh
leabhraichean oran Gaidhlig, chi sibh gu trie
an t-ainm “Fionn” mar am fear a rinn aon
chuid an t-6ran no am fonn air a bheil sibh a’
beachdachadh aig an am. B’e “Fionn,” ma
ta, an t-ainm-pinn a thug Eanraig MacGille-
Bhain air fhein an uair a bhiodh e sgriobhadh
an comhnaidh mu cheol agus mu litreachas ar
canaine. Rugadh e an Eilean Eisdeal anns
a’ bhliadhna 1852, agus chuir e seachad a’
chuid a bu mhotha de a bheatha an Glaschu
mhor nan stiopall. Chaith e a bheatha anns a’
bhaile sin a’ sior shaothrachadh air son leas ar
canaine agus ar ciiiil, agus bu mhaith a ghnoth-
ach air chill gach obrach fhein-aicheil a rinn e.
Bha eolas mionaideach aige air ceol, agus
b’esan aon cho soirbheachail agus a bha againn
ann a bhith ag cur an clo ceol nan oran Gaidhlig
a bha aig an am sin an impis a dhol air di-
chuimhne. Is e a dheasaich The Celtic Lyre,
aon de na ceud leabhraichean-oran Gaidhlig
a tha againn anns a bheil na fuinn cho maith
ri eadar-theangachadh Beurla a ghabhas seinn.
Bha an leabhar sin ’na mheadhon air togail
mhor a thoirt do na seann brain, agus bha
luchd na Beurla comasach air an seinn a chionn
gu robh iad am bardachd Bheurla a bha ag
cumail gu dluth ri ciall an brain.
Cha robh duine ’na latha fhein a b’fhearr air
eadar-theangachadh bardachd agus rosg na
“Fionn.” Chi sibh sin air bhur son fhein ma
leughas sibh Naidheachdan Firinneach a chuir e
mach an da leabhar. Is bochd gu bheil iad sin
a nis a mach a clb ach gheibhear iad an leabhar-
lann anns na bailtean mora. Is e a chuir
cruinn Leabhar na Ceilidh agus The Celtic Garland
cuideachd, agus tha iad sin lan de sheann
seanchasan agus brain a chruinnich e fhein
am measg nan Gaidheal chbire air an robh e
eblach an Glaschu aig an am sin.
Bha “Fionn” an cbmhnaidh gu dileas,
dicheallach, diorrasach ann a bhith seasamh
ri cbirichean nan croitearan Gaidhealach agus
bha a pheann siiibhlach ann a bhith ’gan
cuideachadh anns gach dbigh. Bha e deas
dealasach an cainnt, araon an Gaidhlig agus
am Beurla, agus bha buaidh mhaith an cbmh¬
naidh a’ leantainn gach braid a bheireadh e
seachad air taobh nan Gaidheal, an canain is an
cebl. Rinn e obair ionmholta ’na latha air son
a’ Chomuinn Ghaidhealaich, agus b’e a earail
do’n Chomunn sin aig gach am gum biodh a’
Ghaidhlig a mhiin a’ faighinn a’ cheum-
toisich anns gach iomairt.
Duine grinn, suairce, cairdeil, carthannach'.a
bha am “Fionn,” agus cha do mheas e riamh
gu robh e ’na dhragh dha cuideachadh sam bith
a b’urrainn da a dheanamh air son leas a luchd-
duthcha. Is iomadh oidhche chaidreach,
charthannach a chuir mi fhein seachad ’na
fhardaich fhialaidh an Glaschu, agus cha robh
mi riamh ’na chbmhradh gun solus ur fhaighinn
air cuspair Gaidhealach air chor-eigin. Tha
uaill orm gu robh e ’na charaid agam ’nam
bige, agus sparrainn air na Gaidheil bga an
diugh mebrachadh gu dluth air gach bran is
rosg a sgriobh e.
fiiairiii Aiiiiiiliiflhean
Ged nach ’eil mi am measg na h-bigridh ah
aois—co-dhiubh ’s e comharradh math no dona
a tha ann—bithidh smuaintean mo chridhe air
uairean gle bg, agus mar sin tha mi daonnan a’
leughadh “Litir Eachainn” thun na h-bigridh.
Thug na gairm a bha aige anns A ’ Ghaidheal
mu dheireadh ’na mo chuimhne a’ ghairm a
bhiodh aig Ban-Charronach leis an robh mi ’gam
chosnadh nuair bha mi, mar thubhairt an sean-
fhacal, ’na mo ‘ ‘ Dhonnchadh Og. ”
Nuair rachadh i mach a bhiathadh nan laogh
’s e ghlaodhadh i :—“Saogaidh, Nanachaidh,
Lulachaidh, trobhad, a bhrbinein ! ”
Taobh-Tuath Earraghaidheal .
Bus-dubh is Blaran {Air a leantainn)
coma ! Cha bhi iad ach a’ tolladh ’s a’
milleadh co-dhiubh.”
“Ach tha thu cinnteach gu bheil am Bodach
ann?”
“U ! Tha, is mi a tha ! ’ ’
Cha do dh’eisd Bus-dubh ris a’ chbrr, ach a
mach thug e agus a steach leis far an robh a
mhathair, Speireag.
“Tha bodach anns a’ ghealaich,” arsa
Bus-dubh is anail ’na uchd.
“C6 a thuirt sin riut?” arsa Speireag.
“Thuirt,” arsa Bus-dubh, “am beathach
mor air a bheil na h-adhaircean mbra a bhios
’na laighe air an lianaig agus a bhios ag
cagnadh an uair nach bi e ag cainnt—”
“Mo chreach!” arsa Speireag, “an robh
thu far a bheil an tarbh? Nach tu a theab a
bhith air do tholladh orm ! Seo, seo, suidh a
staigh, a bhrbinein, agus feuch am bi thu glic !
Na thig ’s na thainig ach adhaircean an tairbh !
Seachainn thusa adhaircean an tairbh no bheir
mise ort e!”
Ach bha Bus-dubh air a dhbigh is fios is cinnt
aige gu robh bodach anns a’ ghealaich.
10 —