Skip to main content

‹‹‹ prev (58) Page 30Page 30

(60) next ››› Page 10Page 10

(59) Aireamh 3, Supplement - Gaidheal Og
A\ GAIDHEAL Oi;
MIOSACHAN COMUNN NA H-OIGRIDH
AM MART, 1949
In lUaram
Le Gille-Padraig
Is e “Blaran” a bha air an tarbh ruadh a
bha aca an Cille-mo-chulaig, agus bha sin air
a chionn gu robh a’ chalg fhada a bha trom os
cionn nan suilean aige na bu bhaine na a’
chuid eile a bha air.
Bha da adhairc air a bha mor agus iad
a’ tighinn cruinn roimhe. Bha te de na
h-adhaircean na b’airde na an te eile.
An latha bha seo bha Blaran ’na laighe air
lianaig bhig, bhidich ri taobh sruthain air an
robh an t-ainm “Glas-allt,” agus e gu ciuin
ag cnamh a chir, agus co a thainig ’na ruith
is ’na charan an rathad a bha e ach “Bus-
dubh. ’ ’
Is e a bha am Bus-dubh abhag coin, agus gun
ann ach an cuilean. Aois coig miosan a thuirt
Mairi a bha e, ach is e a thuirt Iain rium nach
robh e ach da mhios. Chan ’eil fhios agam co
bha ceart no cearr aca.
Ach seo mar a bha Bus-dubh. Bha e beag,
reamhar, agus e ciar air fad. Bha a’ chuid a
bha sios caol an droma aige na bu duirche na a ’
chuid eile ach a mhain na bha mu’n t-sroin
agus fo na suilean deth.
Cha robh dragh aige de ni fo’n ghrein ach an
t-iomall a bha e toirt leis air a chixlaibh ris an
cante “an t-earball” ; agus thuirt athair,
Oscar, ris gur e bha sin facal mor air da rud
bheag—“iar’’ (is e sin “cul”) agus “ball”
(ball fhein) ! “An rud a bhios air deireadh ! ’ ’
Agus is trie a shealladh Bus-dubh air a chul
feuch an robh e gun sin a chall !
An uair a chunnaic Blaran e nail chuige, cha
do leig e dad air ; agus is ann an uair a theab
e dhol air adhaircean Bhlarain a stad Bus-dubh
le seorsa de “gheimh” a thug an t-eagal as.
Shuidh Bus-dubh air a chasan deiridh agus
arsa esan : “ Is tu a chuir an t-eagal orm ! ’ ’
Cha duirt Blaran facal agus e ’ga choimhead,
ach th&inig stad beag air a’ chnamh aige agus
chaidh meall sios an slugan aige. Bha duil
aig Bus-dubh gu robh e gu bhith air a thachdadh.
“ De a tha cearr ort ? ” arsa Bus-dubh.
Cha duirt an tarbh cail, ach leig e seorsa de
osna as ; agus leum Bus-dubh air a chasan
agus thug e gu ruith a null’s a nail agus e a’ dol
beagan gu chill le eagal an tairbh agus
“gheimh,” “gheimh” aige. Ach cha do
ghluais Blaran.
An uair a chunnaic Bus-dubh seo, is ann a
thainig e dliith agus laigh e air beulaibh
Bhlarain agus a cheann aige sios eadar a dha
spoig agus a dha shiiil le bior annta ag amharc
air adhaircean an tairbh.
Agus arsa esan ris an tarbh: “A bheil
bodach anns a’ ghealaich?”
‘ ‘ Muire, tha, ’ ’ arsa Blaran.
‘ ‘ Am faca tu e ? ”
‘ ‘ Chan fhaca. ’ ’
“An robh thu anns a’ ghealaich?”
‘ ‘ Cha robh. ’ ’
‘ ‘ Am bu mhaith leat a dhol ann ? ’ ’
“An ta, chan ’eil iarraidh idir agam air.
An uair a bhios mise air barr a’ Chnuic Mhoir
tha mi ard gu leoir ! ’ ’
“A bheil feur anns a’ ghealaich?” arsa
Bus-dubh.
“Is i sin a’ cheist,” arsa Blaran ; “cha
chuala mise guth riamh air feur a bhith san
aite sin. Agus coma leat-sa de dh’aite anns
nach ’eil am feur. ’ ’
“A bheil coineinich ann?” arsa Bus-dubh.
“Tha mi coma ged nach bitheadh,” arsa
Blaran, “cearta coma. 0, cearta, caoine
(An ebrr air taobh-duilleig 10)