Skip to main content

‹‹‹ prev (98)

(100) next ›››

(99)
Donnchadh Bdn agus Mac Mhaighistir Alasdair 91
e air ais is chaith e a chuid eile d’a laithean anns
“ na gleanntan ’s na beanntan a b’ aithne ” dha—
ann an Arasaig far am faiceadh e ailleachd naduir
is maise a chruthachaidh, far an eisdeadh e ri torman
nan allt, far an caidleadh e le nuallanaich n-a gaoithe
is onfhadh a’ chuain mhoir a tartar air a chluasan
troimh oidhcheanan fada a’ gheamhraidh.
Ach tha duine eile againn ann an Donnchadh
Ban Mac an t-Saoir. Cha d’fhuair Donnchadh
sgoil no foghlum. Is gann air a cheann mu dheireadh
gu sgriobhadh e ainm fhein. Rugadh is thogadh e
mar gu’n canamaid am meadhon an fhasaich, ann an
Gleann Urchaidh. Bha a chaithe-beatha slan, fallain
ag imeachd nan sleibhtean air los an fhir chroicich.
Bha larla Bhraid-Albann coibhneil ris. Cha
robh ni air an t-saoghal ag cur dragh air ach gaol
“ Mairi Bhain Oig,” Chinntich a bhuadhan mar
sin gu saorsainneil, dh’eirich ’na chridhe gaol is
miann a bhi geur-bhreithneachadh air na bha f’a
chomhair gach latha, is dh’ionnsaich e bhi togail
fhoghluim gu mionaideach mach as an leabhar
phriseil sin a dh’fhosgail Freasdal naduir fhein
timchioll air
“ Coire-Cheathaich nan aighean siubhlach.
An coire runach as urar fonn.”
Bha e an dan do Dhonnchadh a bhi lathair aig
Blar na h-Eaglaise Brice ach cha b’ ann da dheoin.