Skip to main content

‹‹‹ prev (99)

(101) next ›››

(100)
92
An Solaraiche
Cha robh iarrtus an inntinn Dhonnchaidh air
stri muladach is cha do chuir nithean timeil lasair
’na uchd mar a chur iad am broilleach Mhic Dhomh-
nuill. Cha robh e 'na dhuine garg, buaireasach air
dhoigh air bith, is cha bu mhotha bha rim a chridhe
leis an taobh aig Deorsa ged thug an lagh air a lamh
a thogail air a shon. Co-dhiu cha mhor cuideachadh
thug Donnchadh Ban dha leis a “ bhall-teirmeisg ”
—Claidheamh Mhic an Leisdeir. An uair a leig
e seachad “ sealgaireachd nam bealaichean ” ann
an Coire Cheathaich is air Buachaille Eite, ionad
far an robh e aig Diuc Earra-Ghaidheal, shaigh-
dearaich e aig larla Bhraid-Albann aireamh bhliadh-
naichean. Chaith e greis eile d'a latha ann an
Dun-eideann 'na fhear dion air a’ bhaile. As deidh
sin thug e cuairt do’n Ghaidhealtachd is dh’ eug e
anns a’ bhaile mhor anns a bhliadhna 1812. Air son
coimeas a dheanamh eadar an dithis bhard tha
cruinneachadh anabarrach deiseil, gasda, de’n cuid
dr anan r ’ a f h aot ainn an ‘ ‘ Sar-Obair nam Mrd Gaelach ’ ’
le Iain Mac Coinnich. Bha moran dranan thuilleadh
orra-so air an deanamh le Mac Mhaighistir Alasdair,
ach gu leibideach chaidh an call gun bhi air an clo-
bhualadh riamh.
Anns na h-dranan tha air am fagail againn cha'n
'eil teagamh nach 'eil e ruigheachd annta cus-
pairean cho ard agus a b’ urrainn cumhachd inntinn a