Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
90
An Solaraiche
Earra-Ghaidheal. Bha e mar sin air a luasgadh
null is a nail air duais ro-bhig, agus theaghlach a
sior-mheudachadh ann an aireamh. “ Cha’n ann
an aon aite uile tha an t-olc,” is cha’n ann an aon
aite tha goirt is goinne. Ma bha an crannchur aig
Burns gann, falamh, truagh, cha b’e cuibhrionn Mhic
Mhaighistir Alasdair de’n t-saoghal bu mhotha. Do
dhuine ard-inntinneil, bras, lasanta mar bha am bard
bha e nadurra gu’n diiisgeadh a chor is a staid beagan
dranndail ’na nadur. Is ann tha an t-ionghnadh
oirnn nach ’eil gearan is casaid a’ faotainn aite na’s
sonruichte ’na bhriathran. Cha’n ’eil e doirbh r’a
thuigsinn bho shuidheachadh ciamar a leum inntinn
a bhaird le aoibhneas ’nuair a chuala e mu’n Phrionnsa;
chunnaic e saoghal ur a’ fosgladh roimh shuilean ;
chuir e a earbsa is a dhochas ann an rim an oigeir
rioghail; ghrad bhrosnaich e na Gaidheil le bhar-
dachd, is cha bu mhisde a’ chuis e bhi le Tearlach.
Ach is e an ni as iongantaiche gu leir—eadhon as
deidh blar millteach Chuil-lodair—cho misneachail
is cho neartmhor agus a mhair a bharail ris air gach
ciiis. Cha b’e sin do Iain Ruadh Stiubhard e:
dh’fhag Cuil-lodair an saoghal dorcha gu leoir
dhasan. As deidh 1746 chaidh am bard do Dhun-
eideann ach cha d’fhuair e an sin an cuideachadh
ris an robh duil aige ni moth a na fhuair bard iom-
raideach Siorramachd Inbhir-air as a dheidh. Thill