Skip to main content

‹‹‹ prev (67)

(69) next ›››

(68)
60
An Solaraiche
a tha loinneil, beothail. Is mor am bead nach ’eil
an saoithreachadh so air a chur an riochd aig na
coinneamhan Gailig. Tha an dleasdanas so mar
fhiachaibh air A’ Chomunn Ghaidhealach. Bu
choir na h-uile cothrom a ghlacadh air a bhi mis-
neachadh nan sgriobhadairean sin a dhearbh an
lamh a cheana. Agus bu choir gu’m biodh duaisean
air an tairgsinn airson deuchainn ann an alt an
fhir-ghniomha. Agus tha meadhon eile ann tre
am faodadh an sluagh fas eolach a chuid ’s a chuid,
air modh an dain-chluiche. Mhothaich mi gu
trie anns a’ Ghaidhealtachd, an uair a nithear
oidheirp gu bhi a’ toirt fearas-chuideachda le dain-
chluiche, gu bheil sin air a deanamh anns a’ Bheurla.
A nis tha so ’n a chall is ’n a mheatachadh mor
do’n Ghailig am measg na h-6igridh. Bu choir
gach aon oidheirp de’n t-seorsa sin a bhi air a dean¬
amh anns a’ Ghailig. Bhiodh sin a’ toirt cothrom
do’n luchd-gnlomha is do’n luchd-eisdeachd a bhi
a’ fas eolach air alt is cleachdadh an dain-chluiche.
Is e an treas ni iomasglach a chum na criche a
ta againn anns an t-sealladh, eadhon a’ Ghailig
fein mar inneal ann an seirbheis an fhir-sgriobhaidh.
A thaobh freagarrachd na Gailig do’n ghnothuch
araidh so, cha ’n eil aicheadh nach eil i foghainteach a
thaobh comas aithris is beachdachaidh, agus cuid-
eachd a thaobh saoibhreis a foclair. Tha fear-