Skip to main content

‹‹‹ prev (68)

(70) next ›››

(69)
61
Ddn-Cluiche Cinneachail Gailig
sgriobhaidh an dain-chluiche a’ cur feum gu son-
ruichte air dealbh-bhriathar; is e sin, air beachd
is facail a tha cho so-thuigsinneach do thiir an luchd-
eisdeachd 's a tha dealbh air cairt soilleir do an
siiilean. Agus mar sin tha am fear-sgriobhaidh a’
cur feum air inneal a tha beairteach ann an cainnt
shamhlachail, mar ata riochd-bhriathar, coimeas,
is comhsamhlachd. Faodaidh gu bheil a’ Ghailig
cho goireasach ri canain air bith anns gach cruth-
cainnte a tha riatanach airson dan-cluiche. Gun
teagamh, tha i saoibhear anns na h-innleachdan a
chleachd na baird gu bhi foillseachadh araon maise
Naduir, agus aignidhean an duine. Agus tha
rannachd de iomadh gne, maille ri comh-litireachd is
comh-fhuaimneachd, na ’n cuideachadh mor gu
bhi cur seadh is faireachadh an ceill.
Tha a’ Ghailig ’n a h-inneal fhreagarrach a thaobh
pailteas anabarrach a foclair. Tha am pailteas sin r’a
fhaicinn’s r’a chluinntinn an diugh fein an Albainn
is an Eirinn. A reir cunntais an Ollaimh Dughlas
ua h-Ide, tha mu thri mile facal air an labhairt
fathast ann an Siorramachd Roscomain, le muinntir
do nach urrainn leughadh no sgriobhadh. Agus
tha an t-oileanach ceudna a’ cantuinn gu bheil
timchioll air coig mile facal air an uisneachadh ann
an ceam iar-dheas na h-Eireann. Agus ged nach d’
rinneadh cunntas eagnuidh mar sin le sgoilear