Skip to main content

‹‹‹ prev (66)

(68) next ›››

(67)
59
Dan-Cluiche Cinneachail Gailig
abhaist do na seanchaidhean a bhi ag aithris nan
sgeul's a seinn nan dan. Le bhi an comhnuidh a'-
sireadh maise cainnte rainig iad air alt ciatach,.
snasmhor, air chor is gu’n d’ eisd an sluagh le tlachd
is toil-inntinn ri am briathran. Bha sin uile aith-
nichte ann an riaghladh an gutha agus an eugais.
Agus cha’n ’eil teagamh nach e so as aobhar air a'
mhodh chuirteil, agus air a’ ghiulan eireachdail
a chuireas iongnadh air coigreach, an uair a labhras
e anns a’ Ghaidhealtachd ri luchd-aitichidh na
dtithcha sin, ged a bhiodh iad aig a’ cheart am iosal
gu leor ann an crannchur, agus aineolach gu tur
air cainnt a’ Ghoill. An uair a bheirear fa near
gur ann gle ainneamh a gheibhear an gnathachadh
suairce so am measg na tuath choitchionn ann an
tirean eile, faodar a bhi comh-dhimadh gu bheil
na beusan flathail ud nadurrach do 'n Ghaidheal.
Is mor, uime sin, an cothrom a bheireadh na doighean
oileanach so dha, a chum a bhi a' fas deas is eif-
eachdach an alt an fhir-gniomha. Tha moran an
crochadh air an diirachd leis an gabhair an gnothuch
so as laimh leis a’ mhuinntir a tha saoithreachadh
ann an aobhar na Gailig. Rinn sgoilearan na
h-Eireann brosnuchadh mor a thoirt do alt an dain-
chluiche anns a’ Ghailig. Tha sgriobhadairean
Albannach a’ leantuinn anns a’ chois-cheum cheudna,
agus tha cuid dhiu a’ deanamh suas dain-chluiche