Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
43
Ddn-Cluiche Cinneachail Gailig
cuspair an taobh a mach de’n ginealach fein, thagh-
adh iad ni-eigin a bhuineadh do na Linntean Meadh-
onach, ar neo bhiodh iad air an treorachadh air
ais, fo bhuaidh ath-bheothachadh an fhoghluim, gu
fiosrachadh nan Romanach agus nan Greugach.
An da dhan-cluiche, Lear agus Cymbeline, a tha a
mhain air an dealbh air sean ursgeulan nan eilean
so fein, tha iad air an tarming, cha’n ann bho
eachdraidh nan Sasunnach, ach bho eachdraidh
nan Cuimreach. Agus ma bha na h-ursgeulan
Cuimreach sin freagarrach gu bhi air an suidheachadh
ann an cruth dan-cluiche, carson nach biodh na seann
sgeulachdan Gaidhealach, an Eirinn agus an Albainn,
a cheart cho iomasglach anns an t-seadh so ri ur¬
sgeulan nan Cuimreach ? Tha na h-uile coltas gu
bheil iomradh Chuchulainn agus ghaisgich na Crao-
ibhe Ruaidhe dluth air da mhile bliadhna dh' aois.
Faodaidh an Gaidheal da rireadh a bhi taingeil gu
bheil eachdraidh a shinnsir air a cumail air chuimhne
bhuan le beul-aithris nan ginealach.
Ach cia mar a bheirear an litreachas a tha toirt
cunntais mu na linntean gaisgeil sin gu bhi a chum
urachadh do mhuinntir an latha 'n diugh ? An
deanar sin le bhi beachdachadh air cuibhrionn
de’n t-sean bhardachd a mhain ? An deanar e
le bhi a’ sonruchadh earrannan a tha ro-bhinn agus
maiseach ? Cha deanar ! Cha’n ’eil rainn thaghta