Skip to main content

‹‹‹ prev (49)

(51) next ›››

(50)
42
An Solaraiche
cumhachdan a b’ airde na an cinneadh-daonnda—
is ann bho chuspairean mar iad sin a fhuair muinntir
na h-Aithne faireachadh air beatha chinneadail aig
an robh a sinnsireachd cian nan cian air ais roimh
thoiseach eachdraidh.
Anns an t-seadh fharsuing so, cha’n eil cluich-
dhan Shasuinn de’n ghne chinneachail. Tha luchd-
aitichidh Shasuinn an diugh air an tarruing bho
iomadh treubh ; agus cha d’thug a’ mhor-chuid
de’n t-sluagh aire shonruichte do’n bheul-aithris
aig treubh dhiu sin seach a cheile. Is e Beowulf
’n a aonar an aon dan a tha a nis air sgialaibh de
fhior sheann litreachas nan Sasunnach. Gidheadh
cha b’ann le beul-aithris, ach le sgriobhadh a chaidh
a chumail air chuimhne. Agus cha d’ rinneadh
feum dheth ann an cluich-dhain Shasuinn. Tha
sin a’ nochdadh nach ’eil cluich-dhain Shasuinn a’
gabhail suim de sheann eachdraidh na duthcha.
Mar thoradh air an dearmad sin, tha cliu nan linnt-
ean gaisgeil a’ dol bas ; tha ursgeulan agus bard-
dachd nan seann aimsir a’ dol air dichuimhne; agus
tha an sluagh miosgaichte a’ call eud agus iomradh
a thaobh gach ni a bha ionmholta ’n an sinnsir.
Chithear an dearmad so gu soilleir anns na dain-
chluiche Beurla a chaidh a sgriobhadh ri linn Ban-
righinn Ealasaid. An uair a bhiodh na h-ughdaran
foghainteach a bha bed ’s an latha sin a’ sireadh