Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
44
An Solaraiche
de’n t-sean bhardachd ach mar neamhnuidean
a tha toirt earlais air luach an ionmhais litreachail.
Ni mo a bheirear beachd cothromach air luach an
ionmhais le sgeulachd air a h-innse no air a sgriobhadh
anns an doigh choitchionn. Cha’n ’eil modh na
sgeulachd eifeachdach gu leor, oir tha e a’ buntainn
ris a’ chluais a mhain. A chum gu’m bi aire a’
Ghaidhil air a glacadh cha’n uilear gu’m bi a shuil
air a cleachdadh cho math ri a chluais. Cha’n uilear
gu’m bi mac-meanmna air a bheothachadh le riochd
nan ginealach a chaidh seachad ; le dealbh cleachd-
aidhean nan sinnsir air a chur gu litireil an gniomh
fa chomhair nan sixl. Agus a chum na cliche
sonruichte so, cha’n eil meadhon as freagarraiche
na an dan-cluiche Gailig. Chuireadh am meadhon
so gu h-eagnuidh an ceill maraon cruth nan scan
ghinealach do’n t-suil, agus beartas an t-seann
litreachais do’n chluais. Bhiodh buaidh agus
beatha as ur air am buileachadh air na seann sgeoil;
gheibhte cunntas ceart air na rinn ar n-athraichean
anns an am a chaidh seachad ; agus bheirte beachd
misneachail air na dh’ fhaodamaid a dheanamh
anns na bliadhnaichean ri teachd. Ann a bhi
beothachadh na cuimhne cinneachail bhithte aig
a’ cheart am a’ dusgadh dochais chinneachail mar an
ceudna.
Faodar aideachadh nach biodh dan-chluiche