Skip to main content

‹‹‹ prev (89)

(91) next ›››

(90)
Bdrdachd Ghdidhlig
Bha an leomhann col gar ra gun ghealtachd
he mhile fear sgairteil lamb ruinn,
An Camshronach garg o’n Earrachd
Mar ursainn chatha ’sna blaraibh ;
Dh’ aontaich sinn maraon ’s a’ bhatailt
Le faobhar lann sgaiteach stailinn ;
Cba bu ghniomh le’r laoich gun taise
Fantainn air an ais ’san lamhach.
Bhruchd na naimhdean le’n trom ladach
Air muin chaich a’ barcadh teine :
An uair fhuair Sasunnaich droch charadh
Phill iad o’n araich ’nar coinne.
Ghlaodh Eabarcrombaidh r’a chuid armunn
“Greasaibh na Gaidheil mu’n coinne,
Is tionndaidh iad an ruaig mar b’ abhaist,
An dream ardanach neo-fhoilleil. ”
Grad air an aghairt ’san araich
Ghluais na saighdearan nach pillte;
Mar iolairean guineach gun choibhneas
Nach b’ fhurasda claoidh le miomhodh,
Thug iad sgrios orra mar bhoillsgeadh
Dealanaich ri oidhche dhilinn :
Ri sior iomain rompa nan naimhdean,
Is neul na fala air roinn nam pioean.
An uair a dh’ ionndrainn a’ chonnspuinn
Moirear Gordon o uchd buailte,
Is a chual iad gu robh e leointe,
Dh’ uraich iad le deoin an tuasaid;