Skip to main content

‹‹‹ prev (88)

(90) next ›››

(89)
Blar na h-Olaind
25
BLAR, NA H-OLAIND
Alasdair MacFhionghttin
1770—1814
Air mice deireannach an fhoghair
S5S An dara latha, is math mo chuimhne,
Ghluais na Breatunnaich o’n fhadche
Dh' ionnsaigh tachairt ris na naimhdean.
Thug Eabarcrombaidh taobh na mara
Dhiu le’n canain, ’s mi ’gan cluinntinn;
655 Bha fbime aig Mur gu daingean
Cumail aingil ris na Frangaich.
Thriall Eabarcrombaidh ’s Mur na feile
L©’n laoich euchdach thun na batailt;
Tharruing iad gu h-eblach treubhach
669 Luchd na beurla ri uchd catha;
An uair a dhluith na h-airm r’a cheile
Dhubhadh na speuran le’n deathaich ;
Is bu lionmhor fear a bha ’san eisdeachd
Nach do ghluais leis fein an athoidhch’.
665 Dh’ fhag iad sinne mar a b’ annsa
Fo cheannardachd Mhoirear Hunndaidh,
An t-6g smiorail fearail naimhdeil
Na’n teannadh ainneart g’ar n-ionnsaigh;
Le bhrataichean sioda a’ strannraich
m Ri’n cuid crann a’ danns’ le muiseig,
Is na fir a togairt thun nam Frangach:
B’iad mo ruin-s’ a’ chlann nach diultadh.