Skip to main content

‹‹‹ prev (87)

(89) next ›››

(88)
Bardachd Ghaidhlig
Thainig dallbhrat na h-oidhche oirnn
O’n chaidh lochran na soillse ’na smal:
B’e sud an crithreothadh ceitein,
A mhill am fochann bu cheutaiche barr.
Bu tu craobh-abhall a’ gharaidh,
A chaoidh cha chinnich na’s aillidh fo’n ghrein;
Dealt an t-samhraidh m’a blathaibh,
Luisreadb dhuilleag air cbracaibh a geug;
Ach thilg dubh dhoirionn a’ gheamhraidh
A’ bheitbir theinntidb le srann as an speur;
Thuit an gallan ur riombacb,
Is uile mhaise ghrad-chrion air an fheur.
A Thi tha stiuireadb na cruinne,
Is tu leig d’ar n-ionnsaigh a’ bhuille bha cruaidh;
Sinne cbaill an t-sar ulaidb,
Neambnuid priseil nan iomadaidh buaidb;
Dh’ fhalbh a’ chombaisd ’s na siuil oirnn,
Chaidh an gasraidh ’s an fhiubhaidh ’nam bruan,
Gacb creag ’na cunnart do’n iubhraich,
O laigh duibbre air reul-iuil an taobh tuatb.
Ocb nan och, mar ata mi!
Mo cbridhe an impis bbi sgainte 1© bron;
Tha an caraid-cuirte an deidh m’ fhagail,
A sbeasadh durachdacb dana air mo choir ;
Bidb sud am chliabh ’na bbeum-onamhain
Gus an uair anns an tar mi fo’n fhbd;
Acb ’s glic an t-Aon a thug cis dhinn
Is d’a ordugh naomh biomaid striocbdta gacb 16.