Skip to main content

‹‹‹ prev (90)

(92) next ›››

(91)
Mar na h-Olaind
Mar mhaoim de thuil nam beann mora
Bruchdadh o na neoil mu’r guaillibh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spdltadh
Gu fuilteach mor-bhuilleaeh gruamach.
Bha Camshronaich an tus a’ chatha
Air an losgadh mar an ciadna;
Leonadh an eeann-feadbna sgairteil
Ri comhrag bhatailtean a liatb e;
Gur sonraichte ooltach an dearcag
’San fheoil nach taisicheadh fiamh i;
Mu’n chrom a’ ghrian fo a clebca taisgte
Phaidh sinn air an ais na fiachan.
Ged bha na Rioghalaich o Albainn,
Na fir ainmeil mbeanmnach phriseil,
Fada bhuainn ri uair a’ gharbh chath
Is buaidh a b’ ainm dhoibh ri uchd mhiltean
Ghreas iad air aghaidh gu colgail,
An uair a chual iad stoirm nam picean ;
Mo chreach! luchd nam breaoan ballbhreac
Bhi le lasair marbh ’nan sineadh.
Tha na Frangaich math air teine
Gus an teannar goirid uapa;
Is ann mar sin a fhrois iad sinne
Re deich mionaidean na h-uarach.
Ach ’nuair a fhuair ar laoich gun tioma
Dhol an aite buille bhualadh,
Bha roinnean stailinne biorach
Sathadh guineideach mu’n tuairmeas.