Skip to main content

‹‹‹ prev (149)

(151) next ›››

(150)
134
Fianuis Huisdein Mhic Dhomhnaill
Oisein ag seinn gaisge na Feinne mar a chuala agus mar
a ohunnaic e, mu’n do fhas e aosda, agus bho ’n aimsir
sin bha filidhe ann an teaghlaichean air G-haidhealtachd
bha gleidh-eadh cuimhne bho linn gu linn air seanchas
agus air bardachd. Bha na tigh&aman agus na
h-uachdarain ag tabhairt duais do na bardaibh-sa, agus
fad rs a bhiodh iad a deanamh so bha a h-uile bard, a
bharrachd air a bhardachd fein, gleidheadh cuimhne air
saothair Oisein, mar a’ bhardachd a b’ urramaiche, ’g a
oumail air cuimhne; ach bho na chaidh an righ da
Shaghsan, agus a sguir na h-uachdarain mean air mhean
de ghleidheadh meas agus thabhairt duais do na baird,
chaidh na baird as, ar chor is gun deachaidh moran
de ’n t-seann bhardachd mu lar, ged afca cuid mhath
dhith fathast r’a fhaotainn; agus mur a bhiodh Mac a’
Phearsain air cus saothrach a ghabhail ri cuid dhith
chur cruinn anns an am an d’rinn e, bhiodh laoidhean
Oisein air chall na bu mho.
Ata codach n’as lebir gu robh teaghlaichean Gaidh-
ealach ag cumail bhard. Ata daoine beb, agus mi fein
a h-aon diubh, chunnaic cuid de na baird-sa ’nan oomh-
nuidh anns na fearainn a bha aca bho na h-uachdarain
mar dhuais agus mar oighreachd ar son a’ ghnothaich-sa,
agus feudaidh sinn ainm nam bard agus nam bailtean
a bha aca innseadh an diugh. Aig teaghlach Mhic
Dhomhnaill b’e Iain MacCodrum am bard mu dheireadh,
agus bha duais aige bho Shir Seumas agus bho’n Mhoirear
a bhrathair; roimhe sin Donnehadh MacRuairidh aig a
robh Achadh nam Bard ann an Trbndairnis mar fhearann
oighreachd, agus tha a shliochd fein agus sliochd a shinn-
sear air sloinneadh Clann a’ Bhaird; agus ged
thachradh do h-aon diubh gun e fein bhi ’na bhard, bha
e mar fhiachaibh air cuimhne chumail air seanchas agus
ar bardachd nan aos-dan a bha ann roimhe. Gus a
dhearbhadh a’ mheas a bha aig na h-uachdarain air na