Skip to main content

‹‹‹ prev (150)

(152) next ›››

(151)
Fianuis Uuisdein Mhic Dhomhnaill
135
baird: An uair a chuir MacLeoid bhuaith Mac ’Ills
Riabhaich agus a ghabh e fear eile ’na aite, thug Mac-
Dhomhnaill, ged a bha. bard aige fein, fearann dha ann
an Cill Mhoire an Trondairnis, ris an can iad baile
Mhic ’Ille Riabhaich gus an diugh.
Aig teaghlach Mhic Mhic Ailein bha clann Mhuirich
feadh iomadh linn ’nam baird, agus bha mar fhiachaibh
air a h-uile h-aon diubh foghlum thabhairt dha mhac no
dha oighre air chor is gu leughadh agus gu sgriobhadh e
seanchas. Ata lathair fathast am Brosnachadh Catha
rinn Niall mor Mac Mhuirich do Chlann Domhnaill ann
an Cath G-airbheach, mu’n cuairt do cheithir cheud
bliadhna roimhe so.
Ata daoine mearachd tha air bharail nach robh coibh-
neas no fialachd, deagh rim no mordhalachd inntinn,
fosgaireachd cridhe no carthannachd ann, an am na
Feinne, agus nach robh eolas no cleachdadh aca air
beusaibh matha air bith; ach gur h-ann bho chionn
ghoirid thainig na subhailoean-sa ann ar measg. ’Na
aghaidh so, feudaidh sinn a dheanamh soilleir gur h-ann
a chaidh na subhailcean-sa mhilleadh agus a chur air
fogradh bho na thoisich daoine ri gaol a ghabhail air
airgiod, air saoghaltachd, agus air fhiarachd thrailleil,
a thug cealgaireachd ann ar measg. Ach roimhe sin
bha daoine ag arach duinealachd, bha iad blath-chridh-
each, cunbhalach agus seasmhach do an cairdean, ’nan
sgiath agus ’nan dion do an duine lagchuiseach, ardaig-
neach ceann-spreidheil agus cruadalach gus an naimh-
dean a smachdachadh.
Ata ainm nan ceudan aiteachan anns a’ G-haidheal-
tachd anns an robh iad ’nan comhnuidh agus ag tath-
aich; tha na comharran agus an tuairisgeul a’ freagairt
do sheanchas Oisein, a thainig a nios bho linn gu linn,
air faotainn fathasd; tha ainmean nan daoine bha ann
ri linn-san agus roimhe, agus na fineachan a thainig