Skip to main content

‹‹‹ prev (148)

(150) next ›››

(149)
Fianuis Huisdein Mhic Dhomhnaill 133
Tha na laoidhean air an cur sios anns a’ chainnt a
bha aig an t^jlnagh anns an am, far a bheil moran fhocal
nach ’eil gnathaichte anns an aimsir-sa, agus nach
tuigeamaid, agus a leigteadh air dichuimhne buileach,
mur a biodh laoidhean Oisedn againn gus an cumail an
ar cuimhne le cuideachadh bhard agus sheann daoine
bhios ’gam mineachadh.
God nach faighear na h-aon laoidhean cho iomlan aig
a h-uile duine, gidheadh gheibhear an aon seadh annta
anns a h-uile aite; agus cha’n fhaighear ann an cearn
air bith gu bheil aon laoidh tha air chuimhne a breug-
nachadh a h-aon eile no an aghaidh a cheile.
Ged chuirteadh deuchainn air a h-uile dhuine thuigeas
na laoidhean-sa, cho foghluimte is gu’m bi e, cha b’
urrainn e an tionndadh gu beurla no gu canail air bith
eile air chor is gu freagradh iad cho math ’s a tha iad
anns a chanail an d’ rinneadh an toiseach iad; idir cha
b’urrainn e an deanamh ann am beurla agus a ris an
tionndadh gu Gaidhlig anns am biodh cnaimh agus smior
na fior chanail.
G-e b’e air bith ata sgriobhadh an aghaidh Oisein,
agus ag radh nach do fhag e bardachd air an Fheinn
agus air an deantanas, feuchadh e faigh e aon bhard
ann an aite air bith, no ann an canail air bith, as urrainn
bardachd a dheanamh oo math ’s a rinn Oisein. Is e
mo bharail nach fearr a shealladh a shaothair a.nn
comhairde ri laoidhean Oisein na ged theannainn-sa ri
labhairt beurla, canail nach do dh’ionnsa’ch mi riamh.
Ata so co firinneach is, ged thug cuid de naseanna bhaird
an deidh Oisein oidnirp air a leantainn, nach bheil duine
air bith aig a bheil eblas air bardachd nach aithnich air
a’ cheud eisteachd saothair Oisein bho shaothair neach
air bith eile.
Ata Oisean ag radh gu robh baird ann roimhe fein,
a bha ag seinn gaisge nan laoch a bha ann ri’n linn. Ata