Skip to main content

‹‹‹ prev (147)

(149) next ›››

(148)
132
Fianuis Huisdein Mhic Dhomhnaill
fhirinn maith dh’fhaoidte ’n a bheul, air a thilgeadh le
aon de na saighdean cuimseach, basmhor so. Is
claidhean da fhaobhair air an deagh liobhadh na sean-
fhocail. Goarraidh iad dlu, ague gearraidb iad glan.
Acb is ann mu’n cuid as lugba dbiu a mbain is
urrainnear a radh, mar theirteadh mu chlaidheamh
Fhinn, “ nach d’ fhag e riamh fuigheall beuma.”
Feuchaidh sinn o am gu h-am ri aon no dha de na
sean-fhocail Gaidhealach a chur fo gloine-amhaire
dubailte an Sgrudaire, a bheir am fada am fagus, agus
a ni am beag mdr, agus ri rannsachadh a mach, a reir ar
comais, ann an solus ar latha fein ciod e an fhirinn <>
gheibhear fillte annta.
FIANUIS HUISDEIN MHIC DHOMHNAILL.
[Air do Chomunn Ghaidhealach Lunnuinn bhi rann¬
sachadh agus a’ deanamh iomraidh mu bhardachd Oisein
agus am b’i no nach b’i fior obair Oisein a chuireadh a
mach fo laimh Sheumais Mac Mhuirich, chunnaic iad
iomchuidh fianuis a ghabhail bho Huisdean Mac
Dhomhnaill Chill Pheadair ann an Ceann Deas Uibhist,
agus bho Lachlunn Mac Mhuirich de shliochd bhard
Chlann Raonuill, agus chuir an Comunn a mach an
fhianuis sin anns an leabhar a sgriobh iad. An so sios
tha an teisteanas].
Tha uiread agus uiread eile is ata iad ag radh thionnd-
aidh Mac a’ Phearsain ri faotainn an diugh de shaothair
Oisein, aig daoine nach faca riamh Mac a’ Phearsain,
agus cuid eile nach cuala iomradh air ainm, agus aig
nach ’eil focal beurla.