Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
Na Sean-fhocail
131
An sean-fhocal a bha fior mile bliadhna roimhe so,
feudaidh e bhitb nach ’eil e fior an diugh. An sean-
fhocal a bha fior anns an aird-an-ear, feudaidh e gun
bhi fior anns an aird-an-iar. Ague gu h-araid an radh
a tha fior an aon seadh, is trie nach ’eil e fior ann an
seadh eile. A thuilleadh air so, tha mi a’ meas gu bheil
sinn anns a’ Ghaidhealtachd buailteach do bhi toirt
barrachd uachdaranachd do na sean fhocail na tha ar
coimhearsnaich na Goill. Cha’n ’eil againne an
cothrom a tha aca-san air foghlum fhaotainn a
leabhraichean. Bha sinn riamh a’ faotainn na bu mho
d’ ar n-eblas leis a’ chluais na leis an t-suil, agus bha
moran de’n eblas air a thoirt seachad ann an sean-
fhocail. A ris, tha a leithid de thlachd aig Gaidheil de
gach ni a tha deas, cuimir, agus gu bheil an cunnart ro
mhor gu’n gabh sinn ri radh a thaitneas ruinn anns an
rathad so, gun moran rannsachaidh a dheanamh mu
’fhirinn. Chuir sinn ann an sean-fhocal ar n-earbsa a
firinn nan sean-fhocal thar cheann—“ Ged dh’eignichear
an sean-fhocal, cha bhreugnaichear e.” Tha a leithid
de bhuaidh aca thairis oimn, is a leithid de earbsa
againn ’n am firinn, agus nach ’eil ni cho feuma'l
dhasan leis am bu mhiann beachd ur a thoirt fa
chomhair Ghaidheal ri cairdeas nan sean-fhocal a
dheanamh. Tha e air aithris mu bhard ainmeil Sasunn-
ach gu’n do mharbh braid e anns an robh breith
chruaidh air a thoirt air a shaothair. Cha’n ’eil neach
a leugh an Teachdaire Gdidhealach nach faca am mort
a dheanadh an t-Ollamh Mac-Lebid leis an sean-fbocail.
Mar shlachdan-druidheachd nan sgeulachdan, bha iad
an comhnuidh aig ’uilinn a chum cur as do gach
namhaid a thigeadh ’n a charaibh. Agus cha’n ’eil aon
againn nach faca, uair is uair, deasbair eiginn, leis an