Skip to main content

‹‹‹ prev (90)

(92) next ›››

(91)
Anns a' Choille Bheithe
75
Ach tha fuachd is acras a’ gheamhraidh seachad,
agus faodar maitheanas a thoirt do’n lon-dubh air sgath
a chiuil mhaisich leis a bheil e a’ togail mo chridhe air
a’ mhadainn so. Ged a tha inise a’ faotainn maith nan
dan a tha esan a’ seinn, tha mi gle chinnteach nach ann
air sgath mo thoileachaidh a ghleus e a ribheid, ach ’g a
thoileachadh fein, agus a chur an ceill gaol a chridhe
do leannan air chor-eigin a tha am folach anns an doire.
Bithear ag radh nach ’eil anns an lon-dubh ach piobaire
an aona phuirt, ach cha ’n ’eil sin fior. Dh’ atharraich
e port ceithir uairean o shuidh mise air an stoc craoibhe
so, agus is e so fear de na puirt a sheinn e, facal air an
fhacal.
Bun a’ ghuib, bun a’ ghuib,
Barr a’ ghuib, barr a’ ghuib,
Eun dubh air an nead.
Sheinn an lon-dubh,
Eun dubh, ho, ho, ho,
Gradh air na feadagan.
Ach ged a chuir bran an loin-duibh mo smuaintean
bharr an cursa car greis, agus a thug e orm tarruing a
thoirt air nithean nach robh idir air m’ aire ’nuair a
shuidh mi air an stoc craoibhe air a bheil mi a’m’
shuidhe, tillidh mi a nis air m’ ais a dh’ ionnsaigh an
ruin araidh a bha a’m’ inntinn, an uair a dh’ iarr mi
samhchair na coille bheithe air a’ mhadainn ghrianaich
so. Ged is narach e r’a radh chuir mi romham gu’n
deanainn aoir,
Feumaidh mi innseadh dhuit gu bheil mi air mo
sharachadh leis na radain, a tha an impis m’ fhardach a
chur fodhpa fhein. Cha ruig mi leas mo ghearau a
dheanamh ris a’ chleir, oir tha na biasdan cho beag-
narach ’s nach toir iad hb-rb air lagh na cleire. Thug