Skip to main content

‹‹‹ prev (91)

(93) next ›››

(92)
76
Anns a' Choille Bheithe
bana-charaid choir cat dhomh; ach tha an cat air fas
neo-dhleasdanach, agus an aite bhi ’g oibreachadh gu
dichiollach air son a loin cha ’n ’eil dad a’ ruith ’n a
inntinn o thainig an t-earrach ach a bhi a' suirghe air
cait Bhail-uain. Tha e cho glan ’n a bhian ’s cho deas
’n a phearsa ri cat ’s an duthaich, ach cha ’n ’eil ann ach
ramailear gun fheum.
Ann an toiseach a’ gheamhraidh cha robh mu ’n
cuairt an tighe so ach aon radan, agus ged a bu choma
learn ged bhithinn as eugmhais stairirich an fhir sin
fhein, cha do ghabh mi moran umhail dheth, oir bha e
’n a chreutair ciallach aig an robh urram do’n t-Sabaid.
Mu Shamhuinn dh’ fhag e an fhardach so, agus chaidh
e air imrich air chor-eigin; ach air la Fheill Brighde
thainig e air ais, agus ma thainig, cha b’ ann ’n a aonar.
Tha bean is clann is oghachan aige a nis, agus is e sin
an teaghlach gun smachd. Eadar biogail is gearradh-
leum is stairirich nam biasdan, bha e cho mhaith
dhomhsa an tigh fhagail aca fhein, oir dh’ fhogair iad
gu buileach an t-sith is an t-samhchair a bha riaghladh
anns an tigh so. Ma bha urram aig an t-seann fhear
do’n t-Sabaid cha ’n ’eil sin aig an bigridh, agus is e
oidhche na Sabaid an aon oidhche aca air son cuirm is
fleadhachais. Tha amharus agam gu bheil iad a’ toirt
cuiridh do gach radan eadar Bruar is Ceann-na-Coille
tigh’nn air cheilidh orra air oidhche na Sabaid, agus
cha ’n e sin ceilidh nan uaislean. Cha bhi iad fada
cbmhla ’n uair a theid an cebl air feadh na fidhle, ’s a
theid na sebid air mhire-chath. An raoir ghabh iad an
cuthach gu buileach.
Bha caraid coir ’ga m’ amharc o chionn ghoirid,
agus air dhomh innseadh dha mar a bha sith mo thighe
air a milleadh leis na radain, thuirt e rium, “Dean