Skip to main content

‹‹‹ prev (89)

(91) next ›››

(90)
74
Anns a’ Choille Bhtitlu
uair a dh' fheuchadh iad ri criomadh fhaotainn, thogadh
e a sgiathan agus, le colg eagallach, bhiodh e ’n an
caraibh gus am bu bbuidbe leo fasgadb fhaotainn anns
an eidheann o chorruich na beisde. Cha do rinn
righrean borb na h-aird an Ear riamh lamhachas-laidir
no aintighearnas air an iochdarain na bu chruaidhe na
rinn an lon-dubh so air na h-eoin eile. Ach thachair a
sheise ris mu dheireadh. Tha coileach peucaig agam,
agus tha e coltach gu’n do thuig esan mar a bha cuisean.
Cho luath ’s a chluinneadh e an uinneag ’ga togail
thigeadh e, le ceum statail, a dh’ ionnsaigh na cuirme.
Ghabhadh e a chuid fhein de na bha dol, ach ged nach
cuireadh e dragh sam bith air na h-eoin bheaga, cha
leigeadh e leis an lon-dubh aon lan-bebil a thogail.
Cha ’n ’eil fhios agam-sa ciod a bha am bru-dhearg ’s
am bricean-beithe ag radh riu fein an uair a thainig an
tionndadh ud air cuibheall an fhortain, oir cha do thuig
mi an cainnt; ach bha e furasda gu leoir dhomh a
thuigsinn ciod a bha an lon-dubh ag radh i"'0 a'
pheucaig ’n a shuidhe air meanglan craoibhe ann an
sealladh na cuirme aig nach faodadh e suidhe. An
drasd ’s a rithist leumadh e os cionn na peucaig, a’
crathadh a sgiathan ’s a’ sgriachail gu h-oillteil. Cha
robh moran ciuil ’n a ghuth ’s cha b’ e am port a
b’ fhearr a bha ’n a bheul. An uair a theid duine no
beathach bharr a shiuil, ’s a thbisicheas e air mionn-
achadh, tha e furasda gu lebir a thuigsinn ciod a tha e
ris, co dhiu a bhios e a’ toirt faochaidh d’a dhroch
nadur ann am Beurla, no Fraingeis, no Greugais, no
eadhon ann an canain nan eun; agus bha guidheachan
a lon-duibh air uairean cho gabhaidh ’s cho sgreataidh
’s nach leigeadh mo naire leam-sa an cur sios air an
duilleig so.