Skip to main content

‹‹‹ prev (55)

(57) next ›››

(56)
40
A inmean na h-Alba
chaisfceal dheug ann an Gleann Liobhunn fhathast. Is
gann gu bbeil clach air muin cloiche de na caisteil sin,
ach ’s e Caistealan nam Fiann a their muinntir an aite
riu. Chunnaic mi fhein seachd dhiubh ’san t-samhradh
so chaidh seachad, agus air dhomh am faicinn agus an
tomhas, bha e soilleir gur ann de ’n aon sebrsa a tha iad
ris na h-aitreabhan mora cruinn sin a tha cho cumanta
anns an taobh tuath, ris an abair na Sasunnaich “ broch.:’
Tha tuilleadh dhiubh air taobh Loch Tatha agus air
monadh Srath Thatha. Tha an Fheinn air a cuimh-
neachadh ann an Srbn nam Fiann an Gleann da Ruail,
agus ann an Coire na Feinne ann an Ros, agus ainmean
eile. Tha daoine foghluimte ag radh gur e is ciall do ’n
fhacal Fiann, sealgair, agus gu dearbh bu mhor an tlachd
a ghabh an Fheinn ann a bhi sealgaireachd nam
monaidhean. Tha an t-sealg a rinn Diarmad air an
tore nimhe gu h-araidh ainmeil, agus co aig nach ’eil
fios mar a fhuair an treun churaidh sin bas bho fhrioghan
an tuirc ? Ri taobh Loch Dubhthaich ann an Cinn
t-Saile Mhic Coinnich tha larach cruinn ris an abrar
Diman Diarmaid. Thatar ag radh gur ann an Gleann
Lie a fhuair Diarmad bas, agus tha Tobar an Tuirc anns
a’ ghleann gus an latha ’n diugh. Their cuid gu’m b’ e
Beinn Ghuilbinn seann ainm na beinne ris an abair
sinn a nis a’ Bheinn Fhada. Tha sgeul Dhiarmaid air a
sgaoileadh gu fada agus gu farsuing. Their na Cataich
gum b’ ann laimh ri Beinn Laghail a thachair sealg an
tuirc, agus their muinntir siorramachd Pheairt gur ann
an Gleann Sithe a thachair i. Is fheudar aideachadh
gu bheil Laoidh Dhiarmaid—fior sheann laoidh—ag
ainmeachadh Ghlinn Sithe, agus tha uaigh Dhiarmaid
fhathast ri faicinn ann am braighe a’ ghlinne, agus tha
mi an duil gu bheil Clach an Tuirc ann cuideachd. Ged