Skip to main content

‹‹‹ prev (56)

(58) next ›››

(57)
Ainmean na h-Alba
41
tha iomadh sgeul againn air Fionn, sar ghaisgeach nan
Gaidheal, cha’n ’eil ainm ri fhaighinn ro thric ann an
ainmean aitean. Tha am facal fionn a’ ciallachadh geal,
agus tha e ri fhaotainn trie gu lebir ann an seann
ainmean mar a tha Fionnalt, Fionnghleann, Fionn-
airigh .i. an t-allt geal, an gleann geal, an airigh gheaL
Air an dbigh cheudna tha Cill-fhinn a’ ciallachadh ‘ ‘ an
eaglais gheal,” ceart mar a tha Cill-dninn a’ ciallachadh
“ an eaglais dhonn.” Their cuid gur e as ciall do
Dhrumainn no Dhruiminn “ Druim-Fhinn,” ach tha iad
sin gu tur cearr ’n am barail: is e aon fhacal a tha an
Druiminn, agus tha e ciallachadh ‘' aig druim ” no “ aite
droma.” Ach tha e coltach gu bheil ainm Fhinn air a
ghleidheadh ann an Suidheachan Fhinn, ann an Loch
Bhraoin, agus faodaidh e bhi ann an tuilleadh aitean.
Tha e air aithris gu bheil uaigh Oisein, mac Fhinn, ann
an Caolghleann Ghlinn Amann agus tha Oran na Comh-
achaig a’ deanamh iomradh air “ Srath Oisein natn
Fiann.” B’ e Osgar mac Oisein an curaidh bu treine
de’n Fheinn. Tha da chlais air Druim nam Fuath, ann
an sgire Loch Carrann, a bha air an sgoltadh le claidh-
eamh mor Osgair, air dha bhi feuchainn ri piobaire leigeil
a mach, a bha air a chumail air eiginn anns an Uaimb
Dheirg. Is e as ainm do na claisean sin Buillean Osgair.
Tha clais mhor an creig ri taobh na mara an duthaich
nan Deisi an Eirinn ris an abair iad Buille Chlaidheimh
Osgair, agus tha te eile ris an abair iad Buille
Chlaidheimh Fhinn. Tha sin fhein a’ nochdadh cho
dluth ’s a bha Gaidheil Albann ri Gaidheil Eireann ’n
am beachdan agus ’n an seanchas. Tha e air aithris le
muinntir Rois gu’n deach Bran, cu ainmeil Fhinn, a
mharbhadh air monadh Achadh nan Allt, agus gur ann
bho sin a dh’ ainmicheadh Abhainn Bran agus Srath
Bhrain.