Skip to main content

‹‹‹ prev (54)

(56) next ›››

(55)
A inmean
h-Alba
39
suidhe, mar a tha Suidhe Churadain, Suidhe Chuimein,
Suidhe Ma-Ruibhe, Suidhe Bhrigh agus mar sin air
aghart. Their cuid gu robh ar n-athraichean ’nan
daoine borba agus fiadhaich, agus gun teagamh bha iad
mar sin ri an naimhdibh, ach tha agus bithidh e chum
an cliu nach do mheas iad na naoimh mar naimhdean ach
mar chairdean a thainig ag iarraidh an leas. Ged a bha
na h-uiread de na naoimh ri saothair agus ri siubhal feadh
na Gaidhealtachd air fad agus air leud, cha’n ’eil dearbh
sgeul againn gu’n deach aon dhiubh a sharachadh
ach Donnan a mhain, agus chaidh esan a chur gu bas
cha’n ann le muinntir eilean Eige, anns an robh e
fuireach, ach le fir-reubainn mara.
III.
Bu mhaith learn a nis beagan a radh mu thimchioll nan
ainmean a tha gleidheadh cuimhne air na curaidhean
calma bho shean aig an robh flaitheas agus uachdaran-
achd an Eirinn agus an Albainn, a reir eachdraidh
agus beul-aithris nan Gaidheal, fada mus d’ thainig
Sasunnaich no Lochlannaich a chur dragh air an tir.
“ A bheil dad agad air an Fheinn?” arsa Seumas
Mac Mhuirich ri Iain Mac Codrum, am bard Uibhist-
each. “Cha’n ’eil,” ars’ Iain, “is ged a bhitheadh,
cha ruiginn a leas iarraidh nis.” Faodaidh sinn a’
cheist cheudna a chuir air ainmean nan aitean, gun eagal
bhi oimn gu faigh sinn freagairt cho sgaiteach. Is
fada bho ’n chuala sinn :
Bha da chaisteal dheug aig Fionn
ann an Cromghleann dubh nan clach,
agus tha has gur e Gleann Liobhunn tha air a chiallach-
adh leis a’ Chromghleann. Tha laraichean nan da