Skip to main content

‹‹‹ prev (53)

(55) next ›››

(54)
38
Ainmean na h-Alba
searmonachadh soisgeil na sithe an aite teagaisg bhaoith
nan druidh. Is gann gu bheil am facal druidh ri
fhaighinn ann an ainm idir ann an Albainn, ach dh’
fhaoidteadh leabhar a lionadh—-agus tha leabhar breagh
air a lionadh mar tha1—leis na oomharraidhean a dh’
fhag na daoine naomha ’n an deidh. Tha eileanan beaga
anns a’ chuan siar ris an abrar “ na h-eileacha naomha ”
anns an d’ fhuaradh bothain bheaga de chloich (i. eileach)
anns an robh na naoimh a’ fuireach. Nach abrar ri h-I
gus an la ’n diugh, I Chaluim-Chille agus ris a’ ChomraichT
Comraich Ma-Ruibhe ? Is gann gu bheil eilean beag no
mor eadar Rudha Robhanais ann an Lebdhas agus Ealas-
aid a’ Chuain anns nach ’eil sgeul r’a fhaotainn bho na
h-ainmean air Colum-cille no air Mo-Luag, no air Maol-
Rubha no air fear eile de na seann naoimh Eireannach
is Albannach. Air a’ chuid as mb de ’n mhorthir tha
an leithid so de ainmean ceart cho pailt’s a tha iad anns
na h-eileanan. Tha moran de na h-ainmean so a’
tbiseachadh le cill, mar tha Gill Donnain agus Gill
Chaointighearn agus Gill Fhaolain agus Cill Mo-
Chalmaig. Tha ainmean eile a’ tbiseachadh le cladh,
mar tha Cladh Churadain agus Cladh Mo Bhrigh.
Gheibhear mar an ceudna ainmean mar a tha Croit
Eonain, Dabhach Mo-Luaig, Croit Ghuirmein, ag
innseadh gu robh am fearann sin air a choisrigeadh
(no air a bhdthadh) chum maith nan eaglaisean a bha
air an suidheachadh ann an ainm Ebnain no Mho-Luaig
no Ghuirmein. B’ ionmhuinn leis na Gaidheil na
h-ionadan anns am biodh na daoine naomha ri urnuigh,
ionadan mar bu trice ard agus uaigneach, agus ghleidh
iad cuimhne air na h-ionadaibh sin ann an iomadh
1 The Pre-Reformation Church in Scottish Place Names.
By J. M. Mackinlay.