Skip to main content

‹‹‹ prev (20)

(22) next ›››

(21)
Seann Sgoil
5
thuigseach : cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum
air tromachadh is uilt air teannachadh; ach a spiorad
gun taiseachadh—a mhisnea-ch cho ard is aignidhean
cho togarrach ri aois ochd-bliadhna-deug. Cba robb
balach anns an sgoil a bn deise a bhreith air caman, na
bu deine a chur gu tadhal.
Saoilidh mi gu faic mi an seann duine sunndacli
a’ tighinn am fradharc air maduinn rebta
gheamhraidh, le ’aid gbibich a bha uair-eigin dubb,
le cbota clb, is le bhata glas-daraich ’n a laimb. Chi
e a mhac fein a’ leigeil seacbad na cnaige. “ A
thuaisd, a thraill, a sgagaire bhocbd !” their an t-athair,
is a nuas leis a’ chota mhor. As deidh na cnaige gu luth-
mbor bheir e, a’ greimeachadh ceann caol a’ bhata; agus
an tiota tha i aig an tadhal as faide air falbh. Theid
ar gairm a steach, is theid na camain fo ’n bhord.
Toisichear obair an latha le urnuigh dhurachdaich an
Gaidhlig; theid earrann de ’n Bhiobull a leughadh, is
na Ceistean a chur. Tha ’n sin sgriobhadh is cunntas,
cunntas is sgriobhadh, gu feasgar. Leughar am Biobull.
Co-dhimar le urnuigh. Bheirear na camain am follais,
is bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar
suilean e.
“ Sgoil thruagh ! teagasg bochd !” their an Leughadair.
“ Tigh-sgoil truagh,” their mise, agus teagasg easbhuidh-
each; ach teagasg, ann an tomhas, a dh’ fhaodadh a bhi
air a leantainn le buannachd ann am moran de na
Sgoilean Gaidhealach air an la an diugh. B’ e tighean
dona is droch phaigheadh cuibhrionn mhoran de mhaigh-
istirean-sgoil na Gaidhealtachd anns an am a dh’ fhalbh.
Is mor an t-aobhar taingealachd gu bheil cinnt air
atharrachadh chum na cuid as fearr anns an rathad so
anns an am ri teachd. Tha foghlum is sgil ’n an dreuchd