Skip to main content

‹‹‹ prev (19)

(21) next ›››

(20)
4
Seann Sgoil
Bhiodk e eu-comasach do ’n fhear-theagaisg a bu
chomasaiche sgoilearan maith a dheanamh air a leithid so
de chothrom; ach tha mi creidsinn ged bhiodli gach
tigh’s gach goireas a b’ fhearr aig mo sheana mhaighistir
(cha ’n arm r’ a chur na dheidh e), nach faigheadh an
sgoil an cliu a b’airde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne.
Cha robh eolas a’ mhaighistir ro fharsuing; agus cha
d’ fhuair e cothrom air na doighean a b’ fhearr air sgoil
a riaghladh, no air eolas fein a theagasg d’ a sgoilearan,
fhaicinn no ionnsachadh. Bha e, gun teagamh, an
Glaschu ’g a cheasnachadh, agus dh’ innis an Dr. Mac-
Leoid dha nach b’ urrainn dasan leasan Gaidhlig a thoirt
da. Air diomhaireachd an lagha “ Leathan ri leathan, is
caol ri caol,” bha e mion-eolach; ach na’m biodh an sgoil
air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na
ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor m’ eagal
nach biodh tuarasdal a’ mhaighistir a bheag na b’ airde
na bha e.
“ Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirteadh o
shean; agus gu firinneach ’s ann le urram agus le seirc
a b’ airidh seann mhaighistirean-sgoil na h-Alba a bhi air
an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo sheana
mhaighistir a thaghadh a measg drbbh an diugh a lionadh
aite falamh, b’ airidh e air meas agus air tlachd, agus is
ann le meas agus le tlachd a tha a chuimhne air a
gleidheadh aig gach sgoilear a bha fo theagasg. Cha
bhithinn seachd bliadhna dh’ aois ’nuair a chaochail e ;
ach tha mo chuimhne an diugh air a dhreach is air a
dhbigh cho maith ’s a bha i an latha dh’ adhlaiceadh e.
Bha e anns an arm ’n a oige, agus thug an t-oileanachadh
a fhuair e an sin seasamh direach is gluasad fearail dha
nach do dhealaich ris re a bheatha. Duine breac-liath,
mu dheich-is-tri-fichead; deas ’n a phearsa; aghaidh