Skip to main content

‹‹‹ prev (18)

(20) next ›››

(19)
Seann Sgoil
3
Cha ’n fhaicear, taing do ’n Fhreasdal, ach annamh.
a nis coimeas do ’n fhardaich ris an abairteadh an Tigh-
sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha, le bhallachan iosal
de chloich gblais nach do ghearain air buillean an bird,
air an salacbadh air an taobh muigh le ere, air an
taobh stigh air an dubbadh le toit. Dorns air gach
taobh do ’n tigh, ach gun chomhla mar bu trice ri aon
diubh. Chiteadh anns a’ gheamhradh sgathach fhraoich
ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a
cumail ’n a seasamh le cas camain. Rachadh an sgathach
a chaitheamh a lion beagan is beagan a’ lasadh na teine;
agus bhiodh an sin boitein connlaich a’ gleidheadh fasg-
aidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a
dh’ itheadh e. Anns an t-samhradh bha ’n tigh fosgailte
gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar
de thalamh fuar, fliuch, ach larach na teine a mhain.
Uinneagan leth-lionte le pluic, ’s an ebrr comhdaichte
le lie is clach r’ a cul. Da tholl air druim an tigh a
leigeil a mach na toit nach iarradh a rathad troimh
dhorus no uinneig. Da theine air an urlar dluth air
meadhon an tighe, agus clach eatorra. B’ i chlach so
“ Stol (no furm) an aithreachais. ” Is trie a rinn mi
cron latha fuar geamhraidh a dh’ aon ghnothuch air son
faotainn air an stbl. Bha deileachan a gheibhteadh air
a’ chladach sinte air clachan a’ deanamh aitean-suidhe;
agus bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig
am faighteadh sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma
bha airneis an tighe-sgoil gann, cha robh asaig an sgoilear
duilich a ghiulan. Leac-sgleat ghlas le ruith oibreach-
aidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saor’s a gheibheadh
cailleach nan uibhean an Grianaig, dubh de shughadh
an daraich, peann de dh’ ite an t-sulanaich, Gray,
Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a
chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chaman.