Skip to main content

‹‹‹ prev (21)

(23) next ›››

(22)
6
Seann Sgoil
air iarraidh o mhaighistirean-sgoil a nis naeh robh air
iarraidh o’n aithricbean; agus tha so freagarrach. Ach
cba ’n ’eil mi gun amharus nach b’ fbeairrd ar Maigh-
istirean-sgoil ura anns a’ Ghaidhealtachd tuilleadh de
chleachdainnean nan seann laoch a leantainn na tha cuid
diubh deas gu dheanamh. Am measg nan seann mhaigh¬
istirean-sgoil Gaidhealach gheibhteadh air uairibh na
daoine a b’ fhoghluimte anns an tir. Ann an seirbhis a;
Chomuinn a dh’ ainmich mi, agus ann an tighean nach
robh a bheag na b’ fhearr na ’n tigh air an do rinn mi
iomradh, shaothraich, re moran d’ am beatha, air deich
no dusan punnd Sasunnach 's a’ bhliadhna, an da
Ghaidheal—a mach o Oisean—a b’ airde buaidhean a
sgriobh anns a’ Ghaidhlig—Alasdair Mac Mhaighistir
Alasdair agus Dughall Bochanan.
Cha b’ ionann beachd do na daoine so agus
do mhoran de mhaighistirean-sgoil bga ar latha-ne
mu theagasg cloinne. Tha eagal orm gu bheil
an creidimh a’ neartachadh ’n ar measg, gur e crioch
araid Maighistir-sgoil uiread airgid ’s as urrainn da a
bhuannachd le ’sgoil; agus gu bheil claim air an deagh
theagasg ma leughas iad gu blasda canain nach tuig iad,
no ma sgriobhas iad gun mhearachd latha cheasnachaidh
103,070,010 ged nach ’eil fios aca fein no aig duine d’ an
daoine ciod e fo ’n ghrein a tha 103,070,010 a’ ciallach-
adh. Tha Leughadh is Sgriobhadh is Cunntas ro
fheumail anns an sgod—cha deanar sgoilear as an
eugmhais ; ach cha ’n ’eil dleasdanas a’ mhaighistir-sgoil
criochnaichte le Leughadh is Sgriobhadh is Cunntas,
ged a thuigteadh ciod e mu bheilear a’ Leughadh ’s a’
Sgriobhadh ’s a’ Cunntas. Tha Oileanachadh cho
feumail ri — dh’ fhaoidte radh na ’s feumaile na—