Skip to main content

‹‹‹ prev (28) Page 20Page 20

(30) next ››› Page 22Page 22

(29) Page 21 -
An Dubhlach, 1945.
AN GAIDHEAL.
21
sinn tuilleadh mu a dheicUmm cho luath’s a bhriichdas
e mach.
Tha leabhar bardachd eile air a dheilbh, agus e
ullamh air son na beairt, leis a’ Bhana-bbard bhinn
agus bhlasda sin, Caristiona NicLeoid, sa’
Chananaich. Tha iadsan a bhios a’ leughadh a’
Ghaidheil eolach air binnead is ciatachd a bardachd-se
cuideachd. Cuiridh sinn failte is furan air a leabhar-se
nuair a thig e, is fhiach e sin.
Bu mhaith gun tigeadh leabhar rosg no dha a mach
a chumadh comaidh riutha.
* * *
Firinn airson a’ mhios so.—Agus thaitinn
am facal ris an righ agus r’ a uachdaranaibh ; agus
chuir e litrichean a dh’ ionnsaigh uile mhoir-roinnean
an righ, a dh’ ionnsaigh gach mor-roinne a reir a
sgriobhaidh, agus a dh’ ionnsaigh gach sluaigh a
reir an canain, gum bitheadh gach fear ’na uachdaran
’na thigh fein; agus gum bitheadh so air fhoillseachadh
a reir canain gach sluaigh.—Ester i, 21, 22.
Am Fear-deasachaidh.
LITIR COMUNN NA H-OIGRIDH.
Bha tuille na bha mi air chomas a thoirt dhuibh
agam r’a radh ruibh air a’ mhios a dh’ fhalbh de
bheachdan a’ charaid ud a thug dhomh na rannan a
thug mi dhuibh—rannan molaidh air an Oil.
Dbmhnall Seumas MacLeoid. “Tha suil agam an
comhnuidh air cuibhrionn na h-Oige anns a’
‘ Ghaidheal ’ ” tha e ag radh. “ Thug sibh ni beag
’nam chuimhne is trie a thug mi fa-near anns na
laithean bho shean ; sin “ t’ ” an aite “ do.” “ Sin
t’ uansa,” sin an cleas gun teagamh ; ach a reir
ceartais is e “ d’ ” a bu choir a bhith ann, mar a tha
“ mo ” is “ m’.” Tha e an sin a’ toirt tarruing air
mar a tha gle thric “ t- ” air a chur sios an aite “ t’,”
agus mar eiseamplair air sin tha e a’ toirt a steach
rann as “A’ Bhean Uinsinn Odhar ”—MacLagain—
mar so.—
“ Nuair a theid i chum na h-airigh,
Cha dean i calanas no stath dhuit;
Millidh i t-im is do chaise
Leis na crogan puinsin ! ”
“ Carson nach deanadh ‘ d ’ im’ a’ chuis? ” tha e a’
feoraich. Mar sin, tha e ag cur aonta ris gu bheil
“ sin t-uansa " cearr ; ach tha e ag radh le firinn gur
e “sin d’ uansa ” an aite “ t’ uansa ” a bu choir a
sgriobhadh. Mar sin, freagairidh mise, mar am mac
talla, a’ cheist a chuir e, is their mi “ Carson, gun
teagamh ? ” Is cinnteach gur e “ do uansa ” a tha
ann, leis na facail a chumail slan ; ach mar a thatar a’
fuaimneachadh nam facal ’nan labhairt, tha an “ d ”
so air a cruadhachadh, fuaim na “t” air a thoirt dhi,
agus mar sin tha cuid de luchd sgriobhaidh Gaidhlig
ag cleachdadh na “ t ” an uair a tha an fhuaim sin a’
tighinn roimh fhoghair. Tha mise lan riaraichte gun
cumamaid ris an riaghailt sin, ma tha sinn uile an
co-aonta, eadhon ged is e “ t’ uan ” a their sinn is
nach e “ d’ uan.” Is ann mar a tha, is iomadh facal
no fuaim a their sinn, ach an uair a tha sinn a’ dol
g’ a chur ann an sgriobhadh tha sinn a’ fiachainn ri
cumail ri seann nos ar canain a tha fuaighte ri a gne.
Dh’ fhaodamaid “ t’ uansa ” is “ d’ uansa ” a chur
air an aon ghad ri iomadh facal no fuaim eile de ’n
t-seorsa.
Is fearr domh, a nis, an corr de mo rum a chur gu
buil ann a bhi ag innseadh dhuibh gur e ar beachd,
ma theid gach ni leinn mar is math leinn, gum bi
camp Comunn na h-Oigridh air a chur ’na uidheam
air an t-samhradh so tighinn. Bha coinneamh aig
Comhairle a’ Chomuinn Mhoir an la-roimhe, agus ged
a gheibh sibh slan-iomradh oirre an cearn eile de ’n
Ghaidheal so, chan ’eil math dhomhsa gun tarruing
a thoirt air a’ chuis. Bha, mata, camp Comunn na
h-Oigridh air aon de na nithean a bha fo ar n-aire
is a tha r’ a urachadh an ath bhliadhna. Bidh am
Mod M6r a’ dol air ghleus, agus chan ’eil fios nach bi
sgoil-shamhraidh ealain-Cheilteach, ar teanga is ar
ciuil, mar an ceudna ’na h-uidheam. Is e an camp as
dluithe a tha a’ tighinn air ar n-aigne-ne, ged tha,
agus tha lan dochas againn gum bi surd air mu mhios
an luchair an ath-bhliadhna. Mar a tha fios agaibh, is
ann an Sonachan, taobh Loch Ogha, a bha e bho ’n
a chuireadh luim air, oir bha aite freagarrach an sin
aig an fhear a tha sinn an diugh ag caoidh nach ’eil
e leinn, Seoras Gallda, coir. Chan ’eil sinn cinnteach
fathast (an uair a tha mise a’ sgriobhadh) an ann an
Dail-Mhailli no c’ aite am bi e ; ach ni sinn ar n-uile
dhicheall gu e bhith an aite freagarrach, eadhon nas
goireasaiche do chlann an taobh Tuath na bha e
roimhe ma theid sinn air imrich. Tha mar an ceudna
fiughair againn gum bi Domhnall Mac-a-Phearsain,
“ Domhnall nan Cleas,” mar a b’ aithne do chlann an
latha ud roimh an chogadh e, air a leigeil ma-reir
bho fheachd armaichte a’ Chruin fada roimh sin, is
gum bi e air bhur ceann gu bhur stiuradh anns gach
ni a bhios sibh ris. Chan ’eil, a nis, rum agam gu a’
bheag tuille a chur sios ach aon ni. Is e sin gum bi
Nollaig agaibh, is Bliadhna Ur dluth air an stairsnich
mum bi an ath chothrom comhraidh againn ; agus
mar sin, chan ’eil agam ach deagh dhurachd na Nollaige
is na Bliadhna Uire a thoirt dhuibh : Nollaig Chridheil
is Bliadhna Mhath Ur do gach aon de Chomunn na
h-Oigridh is na bhuineas dhoibh, mata, agus suas i,
a’ Ghaidhlig!
Bhur Caraid Dileas,
Eachann MacDhughaill.
0
EXECUTIVE COUNCIL.
A meeting of the Executive Council was held in Millars’
Rooms, Stirling, on Friday, 9th November. The President,
Rev. Malcolm MacLeod, M.A., Balquhidder, was in the Chair
and the following members were present: John M. Bannerman,
MA., B.Sc., Balmaha; Mrs. J. M. Bannerman, Balmaha ; Mrs.
M. Barron, Glasgow; Mrs. Iain M. Campbell (Airds); Dr.
John Cameron, LL.B., Glasgow; Mrs. J. Buchanan Dunlop,
Glasgow; Mrs. M. C. Edgar, Strathyre; David Findlay,
Ayr; Miss Anne Gunn, Glasgow; James S. W. Henderson,
B.Sc., Glasgow ; Mrs. Macphail Holt, Arisaig ; Miss Lament
of Knockdow, M.A., B.Sc.; Miss Catherine Macdonald,