Skip to main content

‹‹‹ prev (27) Page 19Page 19

(29) next ››› Page 21Page 21

(28) Page 20 -
AN GAIDHEAL.
An Dubhlach, 194S.
reisimeid againn sa’ Bhlar; agus aig deireadh
an latha chuir mi ainm is sloinneadh is aireamh airm
gach aoin a dh’ adhlaic mi a steach do oifis na
reisimeid, mar a chleachd mi bhith deanamh.
An ath latha an deidh ar bracbhaist thainig an
Comanndair far an robh mi; agus thubhairt e:
“ A Phadre! bheil fhios agad gun do fhreagair fear
de na dh’ adhlaic thu an de ainm an diugh aig am
gairm an rolla? ” “ Cha do fhreagair,” arsa mise,
“duine a dh’ adhlaic mise an de sibhse an diugh, ma
fhreagair chan ann sa’ cholainn.” “ Tha e am muigh
an sud,” ars esan, “falbh is faic e.” “Am bheil a
pheileastair-comharrachaidh aige? ” arsa mise.
“ Chan ’eil fhios agam,” ars esan, “ cha d’ fhaighnich
mi dheth.”
Chaidh mi mach agus bha balach a braighe
Obaireadhain an sin. Bba e ’na chionta airm duine
a dhiosc a chad; agus bha esan ag coimhead gu
maith dubhach. “ Tha mi toilichte d’ fhaicinn, nach
maith dhuinn a bhith bed le cheile,” thuirt mi ris.
Rinn e an uair sin faite gaire.
“ Am bheil do dhiosc agad ? ” thuirt mi ris.
“Chan ’eil, chaill mi e,” ars esan. “ Seadh,” arsa
mise, “and agus thog cuideigin eile e, agus chuir e ’na
phocaid e, agus thuit esan sa’ bhlar agus dh’ adhlaic
sinne e fo d’ ainm-sa. Mas e aon duine eile a tha air
chall oirnn nach ’eil fhios againn m’ a dheidhinn
is sin an duine ; ach ma tha barrachd air aon duine
air chall feumaidh mise dhol air ais agus faicinn a
bheil peileastair-comharrachaidh mu amhaich an
fhir a dh’ adhlaic mi fo d’ ainmsa.”
Is e aon saighdear a bha air chall agus gun fhios
againn m’ a dheidhinn, agus mar sin b’ esan an
duine a thuit agus a dh’ adhlaic mise an ainm an
fhir eile. Chuir sinn a’ chuis mar sin ceart.
Trecheng.—So an t-ainm a theireadh na seann
Ghaidheil ri seanfhacal anns an robh tri nithean air
fhilleadh a steach. Tha grunnan maith de na
trechengean so againn a lathair fhathast, agus tha
cuid dhiubh corr mor is mile bliadhna dh’ aois. Tha
feadhainn de an t-sebrsa sheanfhacal so a’ dol cho
fada air ais ri timchioll air meadhon na naoidheamh
linne—gu mu thuaiream 850 a.d. Tha aireamh
dhiubh a chaidh a sgrlobhadh sios mu dheireadh na
ceithreamh linne deug, ach tha cruth na cainnt sam
bheil iad a’ dearbhadh gun robh iad an toiseach
a’ dol air ais gu co-dhiubh meadhon na naoidheamh
linne, mar a thubhairt mi.
So agaibh a’ dha no thri de na fior sheann
threchengean. Cuiridh mi sios an toiseach iad mar
a tha iad san t-seann Ghaidhlig, agus a rithist mar a
theireadh sinn an dearbh rud ann an cainnt an latha
an diugh.
(1) Tri oible adannat seirc: gnuis, alaig,
erlabhra—’se sin, Tri eibhlean a dh’ adaidheas
seirc : gnuis, oilcan, deas-labhradh.
(2) So fear eile. Tri buada teiti: ben chaem,
ech maith, cu Idath. ’Se sin : Tri buadhan
cruinneachaidh: bean chaomh, each maith,
cii luath.
(3) Tri huathaid ata ferr sochaidi: uathad
dagbriathar, uathad bo hifedr, uathad carat
im chuirm. ’Se sin, an Gaidhlig an latha an
diugh: Tri uireasbhuidhean as fhearr na an
ro-phailteas : uireasbhuidh deagh bhriathran,
uireasbhuidh bho air feur, uireasbhuidh chairdean
mu chuirm.
Chi sinn, ma tha, gu bheil na trechengean so a
cheart cho greimeil, agus cho flor, an diugh agus a bha
iad o chionn mile bliadhna air ais. Talaidhidh na
tri nithean a tha air an ainmeachadh sa’ chsud fhear
neach a dh’ ionnsaigh neach eile an diugh mar a
dheanadh e an uair ud. ’Se sin, gnuis thaitneach,
deagh oilean, agus cainnt chothromach. Agus chan
’eil teagamh nach ’eil na tri nithean eile a th’ air
ainmeachadh san dara fear ag cur loinn is maise air
comhdhail, no cruinneachadh, an diugh mar a bha
san latha ud, ’se sin, bean mhaiseach, each maith, agus
cu luath. A thaobh an treas seanfhacail chan ’eil
agad ach eisdeachd ri foghlaide ann an labhairt
Gaidhlig air ard-urlar, no an doigh fhollaiseach sam
bith eile, agus tuigidh tu ciod a thatar ag ciallachadh
le “ dagbriathar,” no deagh bhriathar. Cuiridh am
foghlaide ceithear is coig fhacal far an deanadh
co-dhiubh a dha a chuis, agus e ’na bheachd fhein,
agus ’na aineolas, a’ smaoineachadh seach gu bheil
na facail binn, blasda, agus siubhlach, gu bheil sin
’na dheagh labhradh. Ni am foghlaide an aon nl
ann a bhith sgrlobhadh cainnte. Cuiridh e aon leth-
dusan facal aig am bi fuaim binn taitneach gu trie an
glaicean a cheile. Chan ’eil guth air an smuain, agus
gur h-ann tha so a’ muchadh na smuaine, agus ’na
fhlor dhroch litreachas. Tha an droch cleachdadh so
aig cuid a bhios a’ sgrlobhadh Gaidhlig fhathast.
Cainnt fhlurachail, a theirean ris an so sa’ Bheurla
Shasannaich. ’Se so, ma tha, bhatar ag ciallachadh le
“ dagbhriathar ” san t-seann threcheng. Tha na
Gaidheil, gu h-araidh na Gaidheil nach ’eil cleachdte
air a bhith sgriobhadh Gaidhlig, ro bhuailteach do
chainnt fhlurachail mar so. Gu dearbh bidh mi
smaoineachadh uaireanan, agus mi ag eisdeachd ri
feadhainn a’ leughadh rud a sgriobh iad, bidh mi
smaoineachadh, nan leughadh iad cainnt de an
t-seorsa ud am Beurla, gun deanadh duine lachan
gaire an clar an aodainn aca.
Tha e fior, ged dh’ eignichear an seanfhacal cha
bhreugnaichear e.
* * * *
Fuaran Sl£ibh. — So ainm leabhair bardachd
ur a tha tighinn a mach a dh’ aithghearr. Tha
drain is dain agus luinneagan ann ; agus tha iad uile
taitneach, agus lan brlgh is spiorad na bardeachd.
Tha luchd-leughaidh a’ Ghaidheil edlach air cuid
dhiubh a cheana. Is e An Gaidheal a thug beagan
dhiubh am follais an toiseach. ’Se am Bard, ma tha,
fear air a bheil sibh edlach mar tha, Dedrsa Caimbeul
Hay—agus an deagh bhard cuideachd. Tha an
leabhar sa’ bheart, agus chan fhada gus am bi e lan
ullamh agus an tuit e aisde.
Bidh fadachd oirnn gus am faigh sinn deoch mhdr
bhlasda agus fhionnar as an Fhuaran Sldibh. Innsidh