Skip to main content

‹‹‹ prev (26) Page 18Page 18

(28) next ››› Page 20Page 20

(27) Page 19 -
An Dubhlach, 1945.
AN GAIDHEAL.
agus tiodhlacan posaidh aca do an oighre. Bha
latha mor agus aoibhneacli aca a’ leigeil fhaicinn
do ’n charaid dig le tiodhlacan is le briathran
taitneach deagh-ghean is durachd an t-sluaigh air an
oighreachd gu leir. Tha sinn ag cur ar deagh-ghean
is ar durachd fhein an cois sin, oir is e fior Ghaidheal
a tha an Alasdair Shleite. Is ann dha bu dual. Ach
mo leire, tha cinn-chinnidh eile ann do am bu dual a
bhith ’nam fior Ghaidheil ach a tha gu maith fuar a
thaobh gne is canain is oideas nan Gaidheal. Dh’
fhag sin iadsan an diugh ’n an cinn-chinnidh fhuadain
—leis an ainm gun an tairbh, agus an t-ainm fhein gu
maith staoin. Chan ann mar sin a tha ar caraid
Alasdair MacDhomhnaill Shleite. Agus a thaobh
bean-na-bainnse their sinn :
Mile failte dhuit le d’ bhreid,
Fad do re gun robh thu slan :
Moran laithean dhuit is sith,
Le d’ mhaitheas, ’s le d’ ni bhith fas.
Gun ti iadsan ; buaidh is piseach orra.
* * * *
Baile Obaireadhain.—Is anri an Obaireadhain
a tha am Mod Mor gu bhith deireadh September so
tighinn—Mod mor na buadha, tha fhios gum bi e
ainmeil.
Chan ’eil baile-mor eile an Albainn as eireachdaile
na Obaireadhain. Tha am baile air a thogail de
chloich ghlais ghranait, agus tha sin ’ga fhagail ag
coimhead glan agus grinn. Chan aithne dhomhsa
baile eile an Albainn, no an Sasainn, a tha coimhead
cho glan ris.
Tha e rithis an cois na mara, le traigh bhreagha,
gheal, ghainmhich, agus lagaraid na fairge fallain
daonnan a’ bualadh oirre. Ged nach biodh aig baile
Obaireadhain ach so fhein—muir is traigh—cha bu
bheag am beannachd e do bhaile-mor. Ach tha
da abhainn mhor mhaiseach a’ dol troimh an bhaile
cuideachd—Abhainn De agus Abhainn Deathain—
leis gach beannachd a tha abhainn a’ toirt do bhaile.
Tha rithist duthaich thorach bheartach timchioll
a’ bhaile; agus suas Oir De duthaich cho boidheach
’s a chunnaic suil duine riamh, agus chan ’eil Oir
Deathain a bheag air dheireadh. Tha am baile mar
sin maiseach ’na shealladh, bbidheach ’na thogail,
agus beartach ’na shuidheachadh a thaobh toraidh
fuinn is fairge. Chan ’eil baile eile an Alba thig suas
ris a thaobh eisg, agus gu sonraichte a thaobh glais-
iasg. Tha mi creidsinn gu bheil barrachd glais-iasg
air a thoirt air tir an Obaireadhain na tha am port-
iasgaich eile an Alba.
Chan ionghnadh mar sin idir ged bhiodh tlachd aig
daoine a bhith fuireadh am baile cho breagha agus
cho goireasach agus cho saoibhear ris. Tha sin aca,
agus aig daoine eile air a bhith tadhal ann. Chi
na Gaidheil nach robh riamh ann, so nuair a thig iad
chun a’ Mhoid air an t-seachdain mu dheireadh de
September, 1946. Bheireamaid a chomhairle air
a h-uile duine as urrainn, iad an laithean saora
ullachadh fa chomhair seachdain a’ Mhoid an
Obaireadhain.
Rud eile. Chan ’eil daoine air an t-saoghal as
coire agus as coibhneile agus as fialaidhe na muinntir
Obaireadhain. Is ann agamsa tha fhios agus mi ’nam
Mhinistear Airm comhla riu sa’ cheud chogadh mhor ;
agus gu maith eolach an iomadh dachaidh aca bho ’n
uair sin.
* * * *
An t-Sithchridh.—Bha banacharaid a’ faigh*
neachd dhiom an la-roimhe ciod a tha an
t-sithchridh ag ciallachadh. Thubhairt i rium:
“ Ciod a tha, chaidh e do ’n t-slthchridh ; no thainig
e as an t-sithchridh, ag ciallachadh ” ? Tha ise gu
maith eolach is fiosrachail air gach dubhfhacal is
frithfhacal tha ’n ar canain, agus thuirt mi rithe
“ Ciod e bhur barailfhein”? “Tha mise,” ars ise, “a’
smaoineachadh gur h-e chaidh e as an t-sealladh gun
fhios caite, tha am facal ag ciallachadh.” “ Gle
mhaith,” arsa mise, “ tha brigh an fhacail ’nam
bheachd-sa a’ filleadh a steach sin cuideachd.”
Thubhairt mi rithe : “Theirear mu eun, no mu
chreutar eile, chaidh e do ’n t-sithchridh, nuair a
chaidh e do a chadal-geamhraidh, gun fhios caite—
do chos no do chuil air choreigin. Chaidh an t-eun
as an t-sealladh da aite diomhair, ach chan ’eil fhios
aig duine caite. Air an laimh eile, theirear, gun
tainig nl as an t-slthchridh nuair a thatar ag ciallachadh
gun tainig e as dlomhaireachd air chul gach ni.
Mar sin, creutar sam bith, no ni sam bith, a chaidh
do ’n t-slthchridh, thatar ag ciallachadh le sin, gun
deachaidh e do dhlomhaireachd gun fhios caite—
mar a tha na h-eoin, agus na meanbh-bheathaichean,
a bhios a’ dol as an t-sealladh agus nach fhaicear fad
a’ gheamhraidh ; ged tha fhios a nis gur h-ann do
dhuthchannan eile a tha na h-eoin a’ dol. Theirear
eadhon, chaidh e do ’n t-sithchridh, mu dheidhinn
creutair nuair a thatar ag ciallachadh gun do bhasaich
e. Chaidh e do dhomhaireachd air nach ’eil fhios caite.
Thatar ag radh an fhacail, co-dhiubh a h-uile turus
a chuala mise riamh e, mar gum biodh e air a
litreachadh mar so—an dichridh, no an dithchrith.
A bheil fhios de tha ceart ?
Ma tha neach sam bith de ar leughadairean as
urrainn am barrachd soluis a chur air ciall is brigh
an fhacail, bidh sinn fada ’na chomain, agus bidh
An Gaidheal gle thoilichte sin a thoirt am follais.
* * * *
Manadh a’ mhairbh air a’ bheo.—Bha mi
leughadh an la-roimhe mu dheidhinn saighdear a
chaidh a leon sa’ Ghearmailt, saighdear singilte a
mhuinntir Hull, agus chaidh e air ais o chionn ghoirid
an so a choimhead air an kite san deach a leon san
Ruhr. Ciod a chunnaic e an sin ach an uaigh aige
fhein, air a comharrachadh le crois, agus a ainm ’s
a shloinneadh is aireamh airm oirre. Bha eadhon am
peileastair-comharrachaidh, a chaill e nuair a chaidh
a Icon, crochte ris a’ chrois chuimhneachain a bh’
air an uaigh aige.
, Thug so ’nam chuimhne rud a thachair dhomh
fhein an deidh Blar Vimy Ridge sa’ cheud chogadh
mhor. Air an la an deidh a’ Bhlair dh’ adhlaic mise,
le sgioba a bha agam air son sin, na thuit de ’n