Skip to main content

‹‹‹ prev (159) Page 151Page 151

(161) next ››› Page 153Page 153

(160) Page 152 -
152
AN DEO-GREINE.
nachau, is e bu ch6ir a bhi ann : *' An Fheadag
meur de ’n Fhaoilteach fhuar, mharbhas caoraich
agus uainni a tha gle choltach, do bhrigh
agus gu ’r ami a tha i ’leantuinn an Fhaoiltich.
Bhiodh iad a canntuinn rann eile mu a d&dhinn
mar a leanas—
“ Thuirt an Fheadag ris an Fhaoilleach,
C’ait an d’fhag thu ’n laoighein bochd ?
Dh’fhag mis’ e cul a gharaidh,
’S a dha shiiil na cheann mar phlbc !’"
Bha an Fheadag mairsinn seachdainn, agus ’ga
leantuinn bhiodh an
“ Gearran bacach ban ;
Is cha ’n e aon bhonn is fhekrr;
Cuiridh e bho mhor san toll,
Gus an tig an tonn thar a ceann.”
Ma bha mios Faoillich ann, agus seachdainn
Feadaig, cha robh am a’ Ghearrain a co-chbrdadh
ri dara mios na bliadhna idir, is ann a bhiodh e
a stigh gu maith anns an treas mios.
Bha an t-Earrach air a mheas gu bhi toiseach-
adh aig an Fheill Brighde, an dara latha deug
de’n dara mios {12th February). Bha iomadh
ni air a radhainn mu ’n latha so. Cha bu toil
leis na seana Ghaidheil an latha so bhi soilleir
grianach • oir is e a theireadh iad; “ Fhad ’sa
theid a ghrian anns na cosan La Fheill Brighde
theid an cathadh Earraich ” Facail eile bha aca;
“ Latha Fheill-Brighde baine bheir na cait an
connadh dhachaidhagus, “ Latha Fheill-
Brighde, thig an ribhinn as an toll; cha bhean
mise do ’n ribhinn, ’s cha bhean an ribhinn
rium,” agus air doigh eile—
“ Seachdain roimh Fheill-Brighde,
Thig nigh ’n lomhair as an tom ;
Cha bhi mise ri nigh ’n lomhair,
’S cha bhi nigh ’n lomhair rium.”
Is i an nathair bha air a ciallachadh leis an
ribhinn agus nigh’n lomhair, agus bho nach
tigeadh ise mach gus am mothaicheadh i gnd
bhlathais, tha na facail ud a’ cbrdadh ris an
fheadhainn eile so; “ Tha tri la luchair ’san
Fhaoilleach, ’s tha tri la Faoillich san luchar.”
Bhiodh a ris am Mkrt a’ tighinn, an t am anns
am biodh iad a’ cur an t-sil—
“ Ge b’e air bith mar bhios an sian,
Cuir do shiol anns a’ Mhart.”
Bha iad a’ sealltuinn ris gu faigheadh na claisean
an lionadh tri uairean mu’m biodh a’ mhios
thairis. An toiseach le cathadh sneachdaidh, a
ris le tugha nan tighean, agus mu dheireadh le
stur is gainmheach. B’e so an t-am anns am
biodh a’ ghaoth an Ear gu sonruicht a’ sdideadh.
Tha gnath fhocail aig na Goill nach eil eu-coltach
ris an fheadhain chaidh ainmeachadh mu’n am
so. “ February Jill dyke,” agus “ A pinch o’
March dust is worth a pinch o’ gold.”
Cha ’n iarradh iad fas no cinneas air fdur no
duilleach air a’ mhios so, oir is e a theireadh, iad
“ Cha do chinn ’sa Mhairt nach do chrion
sa Ghiblein,” agus “Am feur a thig a mach ’sa
Mhart, theid e stigh ’sa Ghiblin.” Facail eile
bha aca, “ Feadagan is Gobagan e, tuilleadh gu
Feill Paruig.” Bha an Giblein toirt a stigh
mios deireannach an Barraich, ach bha air an
aireamh ann a’ Chailleach, bhiodh le a slachdan
a’ bualadh sios an fhebir a bhiodh a’ toiseachadh
air fils, agus bho nach rachadh aice air so a
dheanamh, ’se a theireadh i—
“ Dh-fhag e shios mi dh-fhkg e shuas mi,
Dh-fhag e eadar mo dha chluais mi;
Dh-fhkg e thall mi, dh-fhag e bhos mi,
Dh-fhag e eadar mo dha chois mi
Tilgeam so am bun preas cuilinn,
Far nach fk,s fdur no duilleach ! ”
Mar chomhara eile air an aimsir chruaidh,
bhiodh ann aig an am sin, theireadh iad:
“ ’S iomadh fear theid suas le eallaich ri seach¬
dain chruaidh na cailleich.” Bha “ Neoil dhubha
na C&isge,” a’ tighinn air a’ cheathramh seachdain
de’n Mhart, agus bha “Glasadh na cuthaige” a’
leanachd sin. ’Nan deigh bha “tri latha nan
oisgean” a bha trie stoirmeil. Anns an latha
againn fhein tha ciobairean agus tuath chaorach
a’ sealltuinn airson “ Stoirm nan uan ” nach do
sheachain iad air an Earrach so. Bha doigh
eile aca air an aimsir a chuir sios mar a leanas :
“Mios Faoillich, seachdain Feadaig;
Ceithir-la-deug Gearrain ; seachdain Caillich;
Tri la Sguabag—suas e ’n t-Earrach.”
Bha dull aca an deigh na h-uile sian a bhiodh
ann roimhe so bhi thairis, gu’n tigeadh aimsir
bhlkth, chiuin, gu’m fasadh feur, is fochann, is
duilleach, gu ’n tigeadh a chuthag, gu’m biodh
na h-eoin a’ seinn ’s a’ neadachadh feadh nam
preas, gu’m biodh laoigh 6g is uain gu paillt
ann, ’s gu’m biodh bainne ri fhaotainn a chuir-
eadh neart is misneach anns na h-uile neach a
dh-fhaodadh roimhe sin bhi fulang le cruas na
h-airc. Bha iomadh aobhar aig na scan Ghaidh¬
eil air bhi ’gabhail beachd air na raithean. B’ e
an Samhradh am sblasach na bliadhna, ach ’na
uairean bhiodh am biadh gann, oir theireadh iad
ris an luchar, “ Mios chrochadh nan con,” oir
bhiodh a mhin agus am buntata an sin air
teireachduinn. Bha laithean sbnruichte aca
airson na h-uile ni a thachradh. Themeadh iad,
“ La Fheill Eoin a’s t-Samhradh, theid a’
chuthag gu tigh Geamhraidh.” La Fheill Eoin,
their iad aighean ris na gamhna. “A chiad dias
air la Fheill Eoin, agus mios bho aon deis gu lan
deis, agus mios bho lan deis gu crion deis.”
“ Ma bhitheas la Mhartainn Builg (St. Swithin’s
Day, 15th July) tioram gheibhear s6 seach-
dainean tioram, ma bhitheas e fliuch gheibhear
sb seachdainean fliuch,” agus, “ luchar bruthain-
neach, blath, bheir e mach toradh is fAs.”
“ Fochann Ceitein, is buain Luanasdail chumadh
iad a ghort riamh a Albainn,”
Tha sinn a’ faicinn leis na h-uile gnathfhocal